Taic-airgid mhòr do dh'iomain

Duais a' Phìomh lìog aig Comann na Camanachd
Image caption Thèid an t-airgead a chur a-steach dhan spòrs thairis air 3 bliadhna.

Chuir Comman na Camanachd fàilte mhòr air an naidheachd gu bheil Marine Harvest air aontachadh cùmhnant ùr leotha.

Bidh an taic-airgid luach na dusanan mhìltean de notaichean thairis air 3 bliadhna.

Thàinig seo às dèidh dhan chompanaidh Orion Group a ràdh nach robh iadsan a' dol a chumail orra taic a thoirt dhan phrìomh lìog.

'S e seo an t-suim airgid as motha a tha iomain air fhaighinn a-riamh

Airgead mòr

Chan innis an dà chuid Comann na Camanachd air neo Marine Harvest dè dìreach an t-suim airgid a chaidh aontachadh, ach tha dùil gum faigh iad na dusanan mhìltean de notaichean thairis air 3 bliadhna - co-dhiù £35,000 sa bhliadhna.

A-rèir Ceannard a' Chomainn, Jim Barr, 's e com-pàirteachas susbainteach a tha seo.

Thuirt e cuideachd gum biodh an taic-airgid na bhuannachd do na coimhearsnachdan far a bheil iomain làidir.

Thèid an t-airgead a chosg air amasan ro-innleachd a' chomainn a cho-lionadh airson na 3 bliadhna a tha romhainn.

Iomain nam ban

Bidh seo gu sònraichte cudthromach airson an spòrs a' leudachadh aig ìre na h-òigridh, sna bailtean mòra agus piseach a thoirt air iomain nam ban.

Aig deireadh an aonta thèid 30 bliadhna de cho-obrachadh eadar Comann na Camanachd agus Marine Harvest a chomharrachadh.

Thuirt Ailean Mac an t-Sutharlanaich, ceannard na companaidh ann an Alba gu bheil eachdraidh fhada aca ann a bhith a' toirt taic do dh'iomain.

Dhearbh Comann na Camanachd cuideachd gun tèid clàr-ama gheamaichean na bliadhna-sa fhoillseachadh seachdain Diardaoin.