CNES airson dà aiseag a ghlèidheadh
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar airson 's gum fuirich an Isle of Lewis air slighe Steòrnabhaigh seachad air mìosan an t-Samhraidh.
Tòisichidh deuchainnean cidhe aig caladh Steòrnabhaigh Dimàirt 's an obair-leasachaidh aig a' phort a-nis air a crìochnachadh.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a-nis an dùil gum bi an aiseag ùr, an MV Loch Seaforth, a' tòiseachadh air an t-slighe ro dheireadh na mìos.
Dàil
Choinnich Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh ri riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar 's e air turas ann an Steòrnabhagh Diluain.
Tha tòrr mì-thoileachais air a bhith ann mu shuidheachadh an Loch Seaforth 's i grunn mhìosan air dheireadh.
Tha dùil ri tuilleadh troimhe-chèile as t-Earrach nuair a dh'fhàgas obair air alt-aiseig Ulapul gum feum daoine a dh'iarradh carbadan a thoirt leotha an slighe a dhèanamh tron Eilean Sgitheanach.
Gheall Mgr MacAoidh gun dèanadh an Riaghaltas an dìcheall buaidh na h-obrach sin a lùghdachadh.
Tha dòchas ann a-nis gun gabh an obair sin a dhèanamh ann an ceithir seachdainnean, seach sia mar a bha dùil an toiseach.
MV Isle of Lewis
Chaidh gealltainn roimhe gum fuiricheadh an Isle of Lewis air an t-slighe, còmhla ris an Loch Seaforth, thar mhìosan an t-Samhraidh nuair a bhios barrachd dhaoine a' siubhail.
Tha Comhairle nan Eilean Siar airson 's gum fuirich i nas fhaide na sin 's iad a' dèanamh dheth gur e dà bhàt-aiseig a b' fheàrr a fhreagradh air an t-slighe.
Thuirt Cathraiche Còmhdhail na Comhairle, Iain MacAoidh, gum biodh iadsan a' strì airson an dà bhàt-aiseig a ghlèidheadh.
"'S e seo a bha sinne ag iarraidh, mar Chomhairle, bho chionn fhada - dà bhàta a bhith a' dol tarsaing a' Chuain Sgith agus tha sinn an dòchas gur e seo toiseach-tòiseachaidh," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 28 Am Faoilleach 2015
- 23 An t-Iuchar 2014