Buannachd nas motha às a' Mhòd

Caisteal Inbhir Nis Image copyright Dr Richard Murray
Image caption Thàinig buannachd £3.5m às a' Mhòd do dh'eaconamaidh bhaile Inbhir Nis.

Chuir am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis mu £1m a bharrachd na bha dùil ri eaconamaidh a' bhaile.

Bhathas air a bhith ag amas air buannachd de mu £2.5m, ach tha aithisg ùr ag ràdh gun tàinig mu £3.5m bhuaithe.

Thuirt an aithisg cuideachd gun tàinig mu 6,000 duine dhan bhaile 'son a' Mhòid, 's gun do dh'fhan iad, sa chumantas, ceithir làithean.

A rèir na h-aithisg, eadar an 10mh is an 18mh den Dàmhair an-uiridh, thadhail còrr is 9,000 neach air a' Mhòd ann an Inbhir Nis.

Airson gach not a chuir Comhairle na Gaidhealtachd ris a' Mhòd, thill £25 sa bhaile fhèin.

Anns a' chumantas dh'fhùirich luchd-tadhal ann an àitichean-fuireach anns a bhaile.

Chaidh ceisteachan a dhèanamh le 204 duine mar phàirt den sgrùdadh.

Thuirt trì-chairteal dhiubh nach biodh iad air turas a thoirt a dh'Inbhir Nis mura robh am Mòd ann.

Cha do dh'aidich ach 59% gun do thadhail iad air taigh-seinnse fhad 's a bha iad aig a' Mhòd.