"Feum" air iasad £2.5m aig NHS na Gàidhealtachd

Dh'aidich àrd-oifigearan NHS na Gàidhealtachd gur dòcha gun robh feum air a bhith aca seirbheisean a ghearradh agus obair-lannsa a chur dheth mura biodh iad air iasad de £2.5m fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba an uiridh.

Thàinig sin am bàrr Diluain, 's iad a' toirt fianais do Chomataidh an Sgrùdaidh Phoblaich bho Phàrlamaid na h-Alba, a bha a' coinneachadh an Inbhir Nis.

Coinnichidh Bòrd na buidhne Dimàirt a bhruidhinn air an ionmhas.

Tha oifigich ag ràdh gum bu chòir na leabhraichean aca a bhith air an cothromachadh ro dheireadh na mìos.