Bàt'-aiseig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aiseag air slighe ro dheireadh na mìos

3 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bi an t-aiseag ùr, an Loch Seaforth air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul ro dheireadh na mìos.

Sin a thuirt Ministear na Còmhdhail Derek MacAoidh 's e coinneachadh ri Comhairle nan Eilean Siar agus riochdairean bho ghniomhachasan turasachd agus bathair ann an Steòrnabhagh an-diugh.

Tha caladh Steòrnabhaigh a-nis an ìre mhath deiseil airson a' bàt'-aiseig ùir.