Rathad ann an Cataibh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh an Cataibh mu shailleadh rathaidean

3 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh ann an Cataibh nach fhaigh rathaidean na sgìre, ach an A9, salann seachad air sia uairean feasgar.

Nì Comhairle na Gàidhealtachd sgrùdadh air na rathaidean tron oidhche agus an fheadhainn far nach eil ach suas ri 20 carbad a' siubhal - cha tèid iad sin a shailleadh.

Tha seo son airgid a chùmhnadh, ach ann an sgìrean mar Chataibh, thathas a' smaointinn gun toir a leithid de sgeama buaidh air na rathaidean aca air fad.