Dragh mu rathaidean Chataibh

Làraidh saillidh

Tha dragh ann an Cataibh gur e a-mhàin an A9 a thèid a shailleadh às deidh 6:00f ma thèid Comhairle na Gàidhealtachd air adhart le poileasaidh saillidh ùr air an ath-gheamhradh.

Tha sgrùdadh ga dhèanamh air na tha de charbadan a' siubhail nan rathaidean, 's a' Chomhairle a' meas nach eil salainn eifeachdach ma tha nas lugha na 20 carbad a' cleachdadh an rathaid taobh a-staigh naoi uairean de thìde.

Tha iad a' dèanamh dheth gun sàbhaileadh e £120,000 dhaibh mura deadh na rathaidean sin a shailleadh.

Tha dragh air comhairichean Chataibh ge-tà, gum fàgadh sin nach deadh ach an A9 a shailleadh anmoch air an fheasgar.

Thuirt Linda Rothach, a tha a' riochdachadh ceann a tuath, taobh siar agus meadhan Chataibh, gu bheil suidheachadh nan rathaidean dona gu leòr leis a' phoileasaidh saillidh a th' ann an-dràsta.

Foillsichidh a' Chomhairle buile an sgrùdaidh aca san Lùnastal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile