Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

3 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cùram slàinte

Fhuair 91% de dh'euslaintich cùram taobh a-staigh ceithir uairean a thìde aig roinnean A&E na h-Alba eadar an Damhair agus an Dùbhlachd, a rèir àireamhan ùra. B' e 94% a bh' ann anns a' chairteal ron an sin. Tha na h-àireamhan mu dheireadh rud beag nas miosa na Sasainn cuideachd.

Serbia

Tha prìomh chùirt an UN air co-dhùnadh nach robh Serbia ri sgrios-cinnidh ann an Croàtia, tro na cogaidhean a bhris an seann Yugoslàbhia anns na naodhadan. Cho-dhùin a' chùirt gun robh na feachdan Serbach tric ri eucoir, ach nach b' e sgrios cinnidh a bh' ann. Tha a' chùirt cuideachd a' beachdachadh air an robh Croàtia ri sgrios-cinnidh.

Prìosanaich

Thèid an lagh airson prìosanaich air a bheil binn de chòrr air ceithir bliadhna atharrachadh. Mar a tha cùisean an-dràsta, faodadh iad tagradh a dhèanamh airson a bhith air an saoradh às dèidh dhaibh an dàrna cuid dhan binn a chur seachad, agus bidh iad an uair sin air an saoradh às dèidh dà thrian dheth. Stadaidh sin a-nis ge-tà, fo phlanaichean a dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear.

BP

Tha a' chompanaidh ola BP air prothaidean nas lugha fhoillseachadh, agus gearraidh iad na tha iad a' cosg air rannsachadh. Bha am prothaidean airson a' chairteal mu dheireadh de 2014 sìos gu nas lugha na £1.5bn. B' e 1.8bn a bh' ann thairis air an aon àm ann an 2013.

Teine

Bhàsaich boireannach ann an teine aig taigh ann an Lhanbryde ann am Moireibh sa mhadainn an-diugh. Bha i anns na ceithir ficheadan. Bhàsaich i aig làrach an teine às dèidh leth-uair às dèidh seachd.

Prìsean thàighean

Tha prìsean thaighean an Alba air cumail orra ag èirigh, a rèir àireamhan ùra. Tha taigh, anns a' chumanta, a' cosg beagan a bharrachd air £165,000 a-nis.

Stait na Gàidhlig

Chaidh Comhairle nan Eilean Siar às àicheadh gu bheil suidheachadh na Gàidhlig am measg òigridh na sgìre cho dona sa tha figearan ùra bhon chunntas-sluaigh a' cumail a-mach. Tha na figearan ag ràdh nach eil pioc Gàidhlig aig leth-cheud sa sia anns a' cheud de dh'òigridh na sgìre fo dheich bliadhna a dh'aois. Ach, thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil mòran air tachairt a thaobh foghlam Gaidhlig sa sgìre bho chaidh figearan a' Chunntais a chruinneachadh.