HIAL a' cur taic ri leudachadh Heathrow
- Air fhoillseachadh
Tha buidhnean gnìomhachais anns a' cheann a tuath a' cur taic ri leudachadh phort-adhair Heathrow ann an Lunnainn.
Tha Coimisean nam Port-adhair air a bhith a' trusadh bheachdan air diofar phlanaichean gus puirt-adhair ann an earra-dheas Shasainn a leasachadh.
Sgrìobh a' chompanaidh HIAL, a tha a' ruith phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, thuca a' cur taic ri leudachadh Heathrow, ach thuirt iad gun robh e deatamach gum biodh am port-adhair fhathast na cheann-ùidhe airson seirbheisean adhair a-mach às a' Ghàidhealtachd.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh