Àrd-sgoil Lìonail gus dùnadh

  • Air fhoillseachadh
Sgoil Lìonail
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid a' chùis mu choinneimh na Làn-Chomhairle an ath-sheachdain.

Bhòt Comataidh Foghlam Chomhairle nan Eilean Siar an t-àrd-sgoil dà-bhliadhna mu dheireadh san sgìre a dhùnadh.

Bhòt naoinear bhall airson an sgoil a dhùnadh, le sianar airson a glèidheadh.

Thèid cùis Sgoil Lìonail a-nis chun na Làn-Chomhairle an ath-sheachdain.

Bha fear de chomhairlichean na sgìre, Coinneach MacLeòid, a' moladh an co-dhùnadh a chur an dàrna taobh, 's e fhathast an dòchas gun gabh an sgoil a ghlèidheadh.

Tha e den bheachd gum faodadh àrdachadh tighinn air àireamh nan sgoilearan nan deadh an sgoil a ghlèidheadh.

Àireamhan

"Bha grunnan de na buill a dhìth, agus tha mi a' creids' buill a bha air taic a thoirt dhuinn. Ach feuchaidh sinn a-rithist aig an Làn-Chomhairle," thuirt e.

"'S e an sgoil a chumail fosgailte miann a' mhòr-chuid de na pàrantan ann an sgìre Nis.

"Bha iad ag iarraidh an sgoil a chumail fosgailte. Bha iad ag iarraidh an cothrom a bhith aca a' chlann aca a chur gu Àrd-sgoil Lìonail anns a' chiad bhliadhna, agus anns an dàrna bliadhna, an àite a thighinn còmhnard do Sgoil MhicNeacail, agus feumaidh sinne a bhith ag èisteachd ri dè tha an sluagh ag iarraidh, 's dè tha a' mhòr-chuid den t-sluagh ag iarraidh oirnn.

"Bha feadhainn am-bliadhna, agus an-uiridh, a chuir a' chlann aca còmhnard dhan chiad bhliadhna ann an Sgoil MhicNeacail.

"Sin an roghainn fhèin, agus chan eil duine a dol a thòiseachadh gan càineadh air sgàth 's gun do rinn iad sin.

"Rinn iad sin tha mi a' creids' airson maith na cloinne aca.

"Tha feadhainn den chloinn a' dol a bhith uair de thìde anns a' bhus gach là.

"Tha tòrr an sin an àite an rud a th' aca an-dràsta, a' chlann a bhios a' dol dhan chiad 's an dàrna bliadhna, 's dòcha nach eil aca ach fichead mionaid air a' bhus gach slighe.

"Ach a-nise tha sin a' dùblachadh. Tha tòrr an sin. Agus chan eil e math dha chloinn a bhith cho fada sin air bus a h-uile là de am beatha.

"'S ann a tha na h-àireamhan ann an Sgoil Lìonail a' coimhead math airson nam bliadhnaichean a tha romhainn.

"Agus nan cuireadh na pàrantan a' chlann gu lèir gu Sgoil Lìonail airson a' chiad 's an dàrna bliadhna bhiodh an àireamh seachad air deich airson an ath dhà no trì bhliadhnaichean.

"Bhiodh sin math dhan chloinn, 's bhiodh e math dhan choimhearsnachd.

"Bha fhios againn gun robh na sgoiltean as lugha a' cosg tòrr airgid. Ach aig deireadh an là, chan eil na tidsearan, no duine, a' dol a chall an obair, agus mar sin, an sàbhaladh air a bheileas a' bruidhinn an seo, chan eil e mòr," thuirt e.

Farsainneachd

Ach, tha Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim, Catriona Stiùbhairt, ag ràdh gum biodh e na b' fheàrr do dh'fhoghlam na cloinne an sgoil a dhùnadh.

"Feumaidh sinne coimhead ris na h-àireamhan a th' anns an sgoil, agus anns an àrd-sgoil," thuirt i.

"Tha e follaiseach gu bheil barrachd is barrachd, bliadhna às dèidh bliadhna, air a' chlann aca a ghluasad bho chlas 7 anns a' bhun-sgoil ann an Lìonail, chun a' chiad chlas ann an Àrd-sgoil MhicNeacail.

"Feumaidh sinn coimhead ri dè as fheàrr a thaobh foghlaim, airson na cloinne. Agus a' coimhead ris na h-àireamhan, ma tha dithis ann an clas, chuala sinn an stiùiriche an-diugh ag ràdh, agus buill a bha a' teagaisg, nach robh e ceart dhan chloinn.

"Bha mìneachadh làidir ann bho luchd-sgrùdaidh nan sgoiltean, agus bha sin a' toirt cofhurtachd dhuinne mar bhuill a bha a' faicinn gun robh e na b' fheàrr a' chlann a chur còmhla ri cloinn eile far am faigheadh iad farsainneachd chuspairean foirmeil agus neo-fhoirmeil.

"Tha sinne ag èisteachd ri pàrantan agus na duilgheadasan a th' aca mu dheidhinn siubhail.

"Tha astairean fada air feadh nan eileanan aig cloinn, chan ann a-mhàin ann an Leòdhas, ach shìos tro na Hearadh, agus ann an Uibhist a Deas gu h-àraid.

"Ach aig deireadh an là, feumaidh sinne dèanamh an rud a tha ceart airson na cloinne.

"Tha busaichean a tha a' tighinn a-steach a tha nas luaithe na bha. Agus tha sinn a' feuchainn ri ar dìcheall a dhèanamh airson an t-slighe a dhèanamh cho cofhurtail 's is urrainn.

"Tha na h-àireamhan (ann an Lìonail) a' dol suas beagan. Ach chan eil dearbhadh sam bith againn gu bheil na pàrantan a' dol a chumail na cloinne aca ann an Nis.

"Agus mar a tha air a bhith follaiseach bho 2009, tha barrachd is barrachd air a bhith a' gluasad an cuid chloinne a-mach à Sgoil Lìonail a-steach a dh'Àrd-sgoil MhicNeacail," thuirt i.