Loch Seaforth ann an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
MV Loch Seaforth
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh crìoch a chur air an obair-togail aig Cidhe 3 anns na beagan làithean a dh'fhalbh.

Tha am bàt-aiseig MV Loch Seaforth air ceangal a dhèanamh ris a' chidhe ann an Steòrnabhagh, a bhios na dachaigh dhi, airson a' chiad uair.

Chaidh crìoch a chur air an obair-togail aig Cidhe 3 anns na beagan làithean a dh'fhalbh.

Tha criutha a' bhàt-aiseig a-nis ag obair gus eòlas fhaighinn air a' phort mus toisich i a' giùlain luchd-siubhail anns a' chola-deug a tha romhainn.