Fear air bàsachadh ann an teine

Bhàsaich fireannach ann an teine aig taigh anns an Aghaidh Mhòir.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach gun robh teine a' gabhail aig taigh ann an Craobh-shràid Srath Spè, aig 08:34m Diciadain.

Fhreagair smàladairean bhon Aghaidh Mhòir, Ceann a' Ghiuthsaich agus Baile nan Granndach an gairm, agus lorg iad corp fireannaich am broinn an taighe.

Tha Poilis Alba agus Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba ag ràdh gun cùm iad rannsachadh eatorra air na thachair.