STUC draghail mu Chal Mac

Bàt-aiseig
Image caption Thèid cùmhnant nan aiseagan a-mach gu tairgse an ath-bhliadhna.

Tha Aonaidhean Ciùird na h-Alba (STUC) air dragh a thogail gu bheil oidhirp ga dhèanamh as ùr, cuid de sheirbheisean Chal Mac a ghluasad dhan roinn phrìobhaidich.

Tha cùmhnant ùr nan aiseagan a' tighinn a-steach an ath-bhliadhna.

Tha an STUC air pàipear ullachadh do Bhuill Phàrlamaid na h-Alba, 's iad ag ràdh gun tèid a' chompanaidh a chur air stèidh far nach bi dol-às ann, ach a chur dhan roinn phrìobhaidich.

Am measg ghnothaichean eile, tha eagal air an STUC gu bheileas a' beachdachadh air cuid de sheirbheisean a thabhainn mar fo-chùmhnantan, agus gu bheil coltas ann gun tèid an roinn phrìobhaideach a thoirt a-steach air an doras cùil.

Dh'ullaich a' bhuidheann aithisg do Bhuill-Phàrlamaid, agus iad ag ràdh gum feumar suidheachadh Arcaibh is Sealtainn, far an deach na seirbheisean aiseig a thoirt don chompanaidh Serco, a sheachnadh, agus iad ag ràdh nach eil cùisean rianail an sin.

Tha an aithisg ag ràdh gur e pròiseas cosgail, gun adhbhar a th' ann, a tha na throimhe-chèile, agus nach eil ach a' gèilleadh ri iarrtasan na roinne prìobhaidich.

Thuirt neach-labhairt Còmhdhail na h-Alba gu bheil buidhean tairgse aca ag obair air a' phròiseas gu ruige cùmhnant a thèid fhoillseachadh am bliadhna le fiosrachadh air na bhitheas a dhìth son seirbheisean aiseag Chluaidh agus nan Eilean a' ruith bhon Dàmhair 2016.