Bacadh glèidhteachais ga dhiùltadh

  • Air fhoillseachadh
Na h-Eileanan a Deas
Fo-thiotal an deilbh,
Tha beachd anns na coimhearsnachdan gu bheil comharrachaidhean glèidhteachais a' cur bacadh air leasachadh eaconamach.

Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba gabhail ri iarrtas bho Chomhairle nan Eilean Siar casg fad deich bliadhna a chur air sgìrean glèidhte mu thimcheall nan Eilean.

Tha dragh air a' Chomhairle gu bheil na sgìrean a' cur bacadh air leasachadh eaconamach.

Chuir iad litir gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh casg - ach cha do shoirbhich leotha.

"Tha Comhairle nan Eilean Siar agus buidhnean eile sa choimhearsnachd a' dèanamh strì mhòir airson stad a chur air na comharrachaidhean glèidhteachais a tha seo a tha sinn a' faighinn às an Roinn Eòrpa," thuirt Cathraiche Comataidh Leasachaidh na Comhairle, Alasdair MacLeòid, a tha ag ràdh gun cum iad orra a' strì.

Freagairt Mhodhail

"'S e rud a tha a' tachairt, a tha a' cur bacadh air leasachadh eaconamach, gu h-àraid sna h-Eileanan a Deas.

"Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil gu leòr gu leòr. Tha cus àiteachan glèidhteachais anns na h-eileanan.

"Tha sinn ag iarraidh moratorium airosn deich bliadhna airson nach bi an còrr ann anns na deich bliadhna a tha romhainn.

"Tha sinn air faicinn thairis air na bliadhnaichean, am bacadh a tha seo a' cur air iomadach coimhearsnachd nuair a tha iad ag iarraidh leasachadh eaconamach a dhèanamh.

"Tha bacadh a' dol oirnn aig muir nas motha 's nas motha. Am bacadh air tìr tha e air a bhith a' dol air adhart bho chionn bhliadhnaichean mòra.

"Tha sinne ag ràdh gun do rinn sinn gu leòr dhan àrainneachd.

"Tha àrainneachd phrìseil againn, agus mura b' e dòigh-betha nan daoine, cha bhiodh e ann an-diugh mar a tha e.

"Tha sinn a' cantainn ris an Riaghaltas, nach lorg sibh àiteachan eile an àite nan Eilean Siar?

"Fhuair sinn freagairt a bha gu math modhail, ach freagairt a bha ag ràdh nach b' urrainn dhan Riaghaltas taic a thoirt dhuinn air sgàth 's gu bheil iad fhèin ceangailte ris an Roinn Eòrpa, ri riaghaltasan eile, agus buidhnean glèidhteachais air feadh an àite.

"Tha sinne ag iarraidh gum bi coimhearsnachdan falainn, seasmhach, anns na bliadhnaichean a tha romhainn, agus nach e dìreach eòin mhara, no beathaichean fiadhaich a bhios sna h-Eileanan.

"Feumaidh sinn cumail oirnn a' strì, bhon, an rud a tha sinne a' faighinn bho na coimhearsnachdan, tha iad a' fàs seachd searbh sgìth dheth seo 's am bacadh a tha e a' cur air an obair a tha iad a' feuchainn ri dhèanamh.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil a h-uile duine air a' Chomhairle uabhasach taiceil dha na h-oidhirpean a tha sinn a' dèanamh.

"Tha sinn a' tuigsinn a' bheachd a th' aig an Riaghaltas, agus aig na buidhnean mar SNH, gum feumar an àrainneachd a dhìon, ach air an làimh eile, tha sinne ag iarraidh gum bi cùisean cothromach, agus nach bi sinn a' fulang cus nuair a thig na riaghailtean ùra, 's na h-àiteachan ùra seo a-steach," thuirt e.