BBC Naidheachdan

Binn beatha 'son èigneachaidh is fòirneirt

Published
image copyrightcrown
image captionChaidh binn a chur air Chinskie aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann.
Chaidh binn beatha a chur air Pàdraig Chinskie, 47, às Inbhir Nis a fhuaireadh ciontach de bhith ag èigneachadh, 's air ionnsaigh a thoirt air grunn bhoireannach thairis air 23 bliadhna.
Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun robh Pàdraig Chinskie gu math laghach anns a' chiad dol a-mach nuair a choinnich e ris na diofair bhoireanaich, ach cha tug e fada gus an do thòisich e a bhith brùideil agus nàimhdeil.
Chaidh a dhiteadh mar tha air dusan casaid an aghaidh seachdnar bhoireannach, casaidean èigneachaidh, a bhith a' toirt cuideigin am bruid, agus casaid ionnsaighean drabasta.
Thòisich na h-ionnsaighean ann an Glaschu ann an 1990, agus chùm e air gu 2013 nuair a thug e ionnsaigh air boireannach 'san Aghaidh Mhòir.
Thuirt Chinskie gun robh e duilich 'son na rinn e agus gum feuchadh e a dhìcheall a dhèanamh sin a shealltainn.
A rèir a' Mhorair Coinneach MacÌomhair, tha e follaiseach gur e duine cunnartach a th' ann an Chinskie, agus mar sin thèid òrdugh fad-beatha a chur air, a' ciallachadh gun tèid sùil gheur a chumail air, ma 's e is gum faigh e a-mach às a' phrìosan.
Feumaidh e co-dhiù seachd bliadhna a chur seachad anns a' phrìosan mus fhaigh e cothrom air paròl.
Chaidh ainm cuideachd a chur air Clàr nan Drabastairean.