Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brathadh Air-Loidhne

Tha cùirt air riaghladh gun robh e mì-laghail do GCHQ a bhith a' coimhead air conaltradh prìobhaideach a bha daoine a' cur ri chèile air an eadar-lìon. Chaidh am fiosrachadh a chruinneachadh le Buidheann Tèarainteachd Nàiseanta nan Stàitean Aonaichte (NSA) agus chaidh a roinn an uair sin le Breatainn. Seo a' chiad uair a tha Tribunal nan Cumhachdan Sgrùdaidh air gabhail ri gearainnean an aghaidh gin de bhuidhnean fiosrachaidh Bhreatainn.

An Ugràin

Thèid molaidhean ùra airson stad a chur air an t-sabaid air taobh sear na h-Ugràin a chur fa chomhair Cheann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin, an-diugh fhathast. Coinnichidh e ri Ceann-suidhe na Frainge, Francois Hollande, agus Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, ann am Mosgo. Fhuair iad cead airson a' phlana bho Cheann-Suidhe na h-Ugràin, Petro Poroshenko, an-dè.

Achd na Gàidhlig

Tha a' chiad Chathraiche a bh' air Bòrd na Gàidhlig, Donnchadh Fearghasdan, ag ràdh gum bu chòir sùil a thoirt air èifeachdas Achd na Gàidhlig, agus deich bliadhna a-nis bho chaidh sin a chur an sàs. Bha e a' bruidhinn agus àireamhan bhon Chunntas-Sluaigh a' dèanamh dheth gu bheil dàrna leth na cloinne anns na h-Eileanan Siar gun chomas anns a' chànan. Thuirt e nach eil adhartas gu leòr a' tighinn a rèir àireamhan a' Chunntais-Shluaigh. Tha sinn a' feitheamh beachd air a' chùis bho Bhòrd na Gàidhlig.

Ceannach Feise

Tha ìmpidh ga chur air Riaghaltas na h-Alba às ùr a dhèanamh mì-laghail do dhaoine a bhith a' ceannach feise. Tha litir air a dhol bho cheannardan eaglaise agus buidhnean eile chun a' Phrìomh Mhinisteir, Nicola Sturgeon. Tha iad ag ràdh gu bheil cùiltearachd dhaoine airson feise a' leantainn leis gu bheil daoine a' dèanamh prothaid às. Thuirt ministearan gu bheil iad deònach coinneachadh ri luchd-iomairt mun chùis.

Loidhne-rèile a' Chinn a Tuath

Chan eil trèanaichean sam bith a' ruith eadar Bun Ilidh agus Inbhir Ùige an-dràsta, às dèidh do thrèana bathair a thighinn far na rèile faisg air Hàcraig. Bha an trèana a' giùlain phìoban do ghnìomhachas na h-ola. Dh'fhan na coidsichean air an loidhne, ach thàinig an einnsinn fhèin bhuapa. Cha robh an trèana a' dol luath aig an àm, agus cha deach duine sam bith a leòn. Bidh busaichean a' ruith an àite nan trèanaichean eadar Bun Ilidh agus Inbhir Ùige gu co-dhiù 6:00f a-nochd.

Plèana Taipei

Tha luchd-sgrùdaidh nan tubaistean-adhair ag ràdh gun do dh'fhàilig an dà einnsinn air itealan le TransAsia Airways a thàinig a-nuas ann an abhainn nas tràithe den t-seachdain. Chaochail 35 duine de na bh' air bòrd. Bhuail tè de na sgiathan aice ann an drochaid chàraichean mus deach am plèana a-steach dhan abhainn.

Tuill-Rathaid na Gàidhealtachd

Tha ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd air a bhith a' cur dìon air an oidhirpean tuill a chàradh anns na rathaidean. Tha seo às dèidh aithisg a ràdh gu bheil luach £100.5m 's còrr de dh'obair-càraidh a dh'fheumas a dhèanamh orra. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil na rathaidean anns an sgìre a' dol bhuaithe cho luath ri àite sam bith an Alba. Tha oifigich ag ràdh gun cosg e £16m sa bhliadhna a-mhàin airson cùisean a chumail mar a tha iad. Thuirt Cathraiche Sheirbheisean Coimhearsnachd na Comhairle, Graham MacCoinnich, gur e duilgheadas a th' ann, ach gu bheil dòighean aig a' Chomhairle dèiligeadh ris.