Trèana far na rèile

An trèana far na rèile Image copyright Network Rail
Image caption Cha robh an trèana a' siubhail gu luath aig an àm, agus cha deach duine a ghoirteachadh.

Chaidh trèana bathair far na rèile aig Ceann-rèile Georgemas air Ghàidhealtachd.

Tha dùil gun toir seo buaidh air seirbheisean eadar Bun Ilidh agus Inbhir Ùige gu timcheall air 6:00f.

Thuirt Network Rail gun robh an trèana a' sàthadh charbadan gu slaodach nuair a dh'fhàg i an rèile.

Cha deach duine a ghoirteachadh.

Thuirt Scotrail gum bi an 12:34f Inbhir Ùige gu Inbhir Nis a' tòiseachadh ann am Bun Ilidh agus gun tèid còmhdhail eile a chur air dòigh gus daoine a thoirt às Inbhir Ùige a Bhun Ilidh.