Uard dùinte aig an Ràthaig Mhòir
- Air fhoillseachadh

Seo an darna turas am-bliadhna a chaidh uard a dhùnadh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir.
Chaidh uard a dhùnadh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis is dragh ann gu bheil flu a' sgapadh.
Tha flu air ceathrar a tha a' faighinn cùram ann an Uard 3A.
Thathas a' comhairleachadh do dhaoine gun tadhal air an uard.
Ma dh'fheumas cuideigin tadhal air, bu chòir dhaibh fios a chur air àrd-nurs an uard an uair a thig iad dhan ospadal agus gheibh sibh troimhe air a' phrìomh loighne an ospadail: 01463 704 000.
Chaidh Uard 7C aig Ospadal an Ràthaig Mhòir a dhùnadh air a' mhìos seo chaidh is 11 de na h-euslaintich a' fulang le flu.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 21 Am Faoilleach 2015
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh