Beachdan ath-leasachaidh an fhearainn ro Dhimàirt

Fearann
Image caption Tha an Riaghaltas a' moladh crathadh "radaigeach" a thoirt air siostam seilbh an fhearainn ann an Alba.

Thig an co-chomharlachadh poblach air Bile Ath-leasachaidh Fearainn na h-Alba gu ceann Dimàirt.

Tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhpa crathadh "radaigeach" a thoirt air ath-leasachadh an fhearainn.

Chaidh Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn a chur tro Phàrlamaid na h-Alba an toiseach ann an 2003, a' leigeil le coimhearsnachdan còir laghail a bhith aca sealbh fhaighinn air an cuid fearainn fhèin.

Ach, ri linn beachd nach do thachair gu leòr bhon uair sin gus crathadh a thoirt air sealbh fearainn, chuir Riaghaltas na h-Alba buidheann air chois a rinn sgrùdadh farsainn air ath-leasachadh fearainn, gus molaidhean ùra radaigeach a thoirt air adhart.

Ceartas Sòisealta

Dh'fhoillsich a' bhuidheann sin aithisg anns a' Chèitean an-uiridh, a' cur air adhart beachd nach robh an suidheachadh a th' ann, far a bheil dàrna leth de dh'fhearann na h-Alba ann an làmhan 432 duine, a' freagairt air beatha na h-Alba san là a th' ann.

Am measg mholaidhean a' bhile, tha nach biodh cead aig duine nach eil a' fuireach làn-ùine ann an dùthaich a tha na ball den Aonadh Eòrpach, no companaidh nach eil clàraichte san AE, fearann a cheannach ann an Alba.

Bhiodh cumhachd aig ministearan an Riaghaltais a dhol an sàs far an robh uachdaran a' cur bacadh air leasachadh seasmhach sa choimhearsnachd.

Dheadh cuideachd toirt air oighreachdan spòrs agus seilge cìs ghnìomhachais a phàigheadh a-rithist, mar a bha iad a' dèanamh suas gu 1994. Tha dùil gun togadh sin mu £4m gach bliadhna, a dheadh a chur ri Stòras Fearainn na h-Alba.

Fianais Làidir

Dheadh cuideachd coimisean a stèidheachadh a bhiodh a' brosnachadh ath-leasachaidh fearainn ann an Alba, a' cruinneachadh fianais agus a' sgrùdadh na dòigh anns a' bheil laghan na h-Alba a' toirt buaidh air mar a tha fearann ga riaghladh.

Tha a' bhuidheann Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a' cur taic ris a' bhile, agus iadsan a' riochdachadh mòran choimhearsnachdan a th' air sealbh a ghabhail air an cuid fearainn fhèin.

Tha a' bhuidheann den bheachd gum bu chòir gun deach dèiligeadh ris a' chùis o chionn ùine, 's gur e ceist de chothromachd agus ceartas sòisealta a th' ann.

Ach tha a' bhuidheann Fearann agus Oighreachdan na h-Alba, a tha a' riochdachadh nan uachdaran, ag ràdh gu bheil iad gu math iomagaineach mu bhith a' leigeil le ministearan an Riaghaltais a dhol an sàs ann an oighreachdan, 's iad ag ràdh gum feumadh leithid de chumhachd a bhith gu math soilleir, agus air a chur an sàs a-mhàin far a bheil fianais làidir gu bheil uachdaran a' cur bacadh air leasachadh seasmhach.