Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

HSBC

Tha am banca as motha ann am Breatainn, HSBC, fo chasaid gun do chuidich iad daoine beartach le bhith a' seachnadh chìsean. Dh'aidich HSBC gun do ghabh feadhainn brath air dìomhaireachd a' bhanca anns an Eilbheis airson airgead a chur am falach, ach gun do dh'atharraich dòighean-obrach a' bhanca bhon uair sin. Thuirt Oifis na Cìse agus na Cuspainn, gun d' fhuair iad £135m den airgead air ais.

A' Ghrèig

Thuit luach margaidh ionmhais na Grèige còrr is 5% anns a' mhadainn an-diugh an dèidh do Phrìomhaire ùr na dùthcha innse dhan Phàrlamaid gu bheil e a' sguir de na gearraidhean agus cùmhnadh airgid gheall Alexis Tsipras gum bi tuarastal nas fheàrr ann, agus gun tèid luchd-obrach fhastadh a-rithist dha na seirbheisean poblach.

An Stàit Ioslamach

Thuirt poilis ann an sgìre Helmand gun deach leas-cheannard na Stàite Ioslamaich ann an Afganastan a mharbhadh ann an ionnsaigh bhon adhair. Bha Mullah Rauf, air an Taliban fhàgail na bu tràithe am-bliadhna. Chaidh sianar eile a mharbhadh anns a' chàr san robh e a' siubhail.

Foghlam

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' foillseachadh plana an-diugh airson clann à sgìrean bochda a chuideachadh gu foghlam nas fheàrr. Bidh an sgeama ag amas an toiseach air na bun-sgoiltean, le £400m ga chosg thairis air ceithir bliadhna.

Mnàthan-glùine

Bho an-diugh cha bhi mnàthan-glùine rim faotainn anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse air taobh a-muigh nan uairean-obrach àbhaisteach. Tha sin a' ciallachadh nach bi roghainn aig boireannaich a bha am beachd an leanabh a bhith aca san sgìre sa bheil iad a' fuireach, ach a dhol chun an ospadail ann an Inbhir Nis. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur e cion mhnàthan-glùine, agus tinneas am measg luchd-obrach an-dràsta, as coireach nach bi an t-seirbheis ann airson mìos air a' char as giorra. Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Hamish Friseal, a' gearain air an t-suidheachadh.

Taic-ghnìomhachais

Tha Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, ag innse an-diugh gum faigh gnìomhachasan beaga ann an ceithir bailtean Albannach eile cothrom air airgead airson bann-leathann nas fheàrr. Cuiridh Riaghaltas Westminster £40m uile gu lèir ris a' phròiseact, agus tha gnìomhachas agus companaidhean beaga ann an Inbhir Nis am measg na gheibh cothrom air pàirt den airgead sin.