Uibhistich a' buannachadh aig Duaisean nam Meadhanan
- Air fhoillseachadh

Chaidh duais 'son na Gàidhlig as fheàrr sna Meadhanan aig Duaisean Mheadhanan na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a bhuileachadh air Shona NicDhòmhnaill bho Roinn Naidheachdan BBC Gàidhlig.
Rugadh is thogadh Shona ann an Uibhist a Deas, agus tha i air a bhith ag obair dha roinn nan naidheachdan aig a' BhBC 'son dà bhliadhna mar neach-naidheachd ann an Uibhist.
Tha cainnt nàdarra Uibhisteach aig Shona, agus bidh i a' dèanamh oidhirp mhòir Uibhistich eile a bhrosnachadh ann a bhith a' bruidhinn rithe sa chànan, mu na rudan a tha a' cur dragh orra, no rudan inntinneach a tha a' tachairt anns na coimhearsnachdan aca.
'Am Pàipear'
Bhuanaich Uibhisteach eile, Iain Stephen Moireasdan, agus an sgioba aig 'Am Pàipear', dà dhuais - tè airson a' phàipeir-naidheachd choimhearsnachd as fheàrr, agus airson a bhith a' cleachdadh nam meadhanan didseatach ann an dòigh èifeachdaich.
Seo an dàrna bliadhna sreath a chèile a tha 'Am Pàipear' air an duais fhaighinn 'son a' phàipeir-naidheachd choimhearsnachd as fheàrr.
Duais Ridire Mhic an Tàilleir
'S e Deasachair na Gàidhealtachd air a' Phress & Journal, Niall MacPhàil, a bhuineas do Cheann Loch Chille Chiarain bho thùs, a' bhuannaich Duais Ridire Mhic an Tàilleir.
Tha e air 46 bliadhna a chur seachad ag obair mar neach-naidheachd, a' chuid bu mhotha dhiubh sin leis a' Phress & Journal.
Fhuair Eilidh Davies bhon Highland News, dà dhuais airson neach-naidheachd na bliadhna - an Jim Love Memorial Trophy agus tè eile bho Diageo.