"Chan e sgoiltean Gàidhlig a th' annta"

Bun-sgoil Taobh na Pàirce
Image caption Thathas a' fàgail air Comhairle nan Eilean Siar nach ionnan na sgoiltean ùra Gàidhlig acasan agus leithid Bun-sgoil Taobh na Pàirce an Dùn Èideann.

Chaidh fhàgail air Comhairle nan Eilean Siar gu bheil am poileasaidh Gàidhlig cho truagh 's nach ann às an sgìre a thig an ath-ghinealach de Ghàidheil.

Thàinig an casaid bhon Oll. Aonghas MacLeòid a bhios a' sgrìobhadh san iris air-loidhne, Dàna.

Dh'fhoillsich a' Chomhairle an t-seachdain seo chaidh gu bheil sia de na sgoiltean aca air inbhe fhaighinn mar sgoiltean Gàidhlig.

Thàinig an naidheachd sin goirid às dèidh dhan chunntas-sluaigh sealltainn nach eil Gàidhlig idir aig còrr is an dàrna leth de chloinn nan Eilean Siar eadar 3 is 15 bliadhna de dh'aois

Ged a bhios inbhe nan sgoiltean am Beàrnaraigh, Breascleit, Bàgh a' Chaisteil, an Iochdar, Sgoil an t-Òib agus Sgoil an Taobh Siar ag atharrachadh, bidh foghlam tro mheadhan na Beurla fhathast ri fhaighinn annta.

A rèir an Oll. MhicLeòid, 's e sin a tha a' fàgail nach e sgoiltean Gàidhlig a th' annta.

"Chan e sgoiltean Gàidhlig a th' annta, 's e aonadan Gàidhlig a th' annta", thuirt e.

Eadar-dhealachadh

"Chaidh mise gu aonad Gàidhlig an Inbhir Nis is chan eil eadar-dhealachadh eadar sin agus na bhios aca anns na h-Eileanan. Tha mi gu math eòlach air Sgoil Bhàgh a' Chaisteil is tha aonad Gàidhlig aca san sgoil a tha sin ach chan e sgoil Ghàidhlig a th' ann mar a th' aca ann an Glaschu, Inbhir Nis, Dùn Èideann agus mar a tha gu bhith aca ann am Port Rìgh.

"Tha làn-fhios againn uile gum bi sgoilearan anns na sgoiltean anns na h-Eileanan gun facal Ghàidhlig nan ceann agus ciamar as urrainn dhut a bhith a' dol gu sgoil Ghàidhlig 'son seachd bliadhna is an uair sin a' tighinn a-mach gun facal Ghàidhlig.

"Tha sgoilearan ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil gun facal Ghàidhlig ach tha iad a-nise ann an sgoil Ghàidhlig dìreach bho chionn 's gun tuirt oifigear aig a' Chomhairle gur e sgoil Ghàidhlig a th' ann. Tha sin dìreach gun chiall", thuirt e.

Thathas an dùil gum fosgail sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh an 2017 is tha an t-Oll. MacLeòid ag ràdh gur e sin an eisimpleir a bha còir aig Comhairle nan Eilean Siar leantainn.

"A' cleith"

"Tha seo a' cleith an adhartais ann an àiteachan mar Phort Rìgh far am b'fheudar dhaibh strì mhòr a dhèanamh gus sgoil Ghàidhlig a chruthachadh agus airson àrainneachd Ghàidhlig a chruthachadh airson nan sgoilearan. 'S e adhartas a tha sin. 'S e a tha iad a' dèanamh anns na h-Eileanan ach a' cur suas sanasan ùra", thuirt e.

Dh'iarr an t-Oll. MacLeòid air a' Chomhairle a-nise plana adhartach a stèidheachadh seach na "mìon-cheumanan" a tha e ag ràdh gu bheil iad a' gabhail an-dràsta.

"Tha còir aig a' Chomhairle a bhith a' feuchainn ri sgoil Ghàidhlig cheart a chruthachadh.

"Tha gu leòr de na seann togalaichean fhathast aca de na sgoiltean a tha iad air dùnadh thairis air na sia no seachd bliadhnaichean a dh'fhalbh, agus tha gu leòr thidsearan aca cuideachd, cuid dhuibh aig a bheil Gàidhlig a tha a' teagaisg tro mheadhan na Beurla.

"Ma 's e is gun robh ceannardas agus beagan misneachd aig a' Chomhairle, b' urrainn dhaibh suidheachadh na Gàidhlig a thoirt air adhart anns na h-Eileanan ach aig an ìre seo, tha e duilich fhaicinn cò às a tha sin gus tighinn", thuirt e.

Tha am BBC a' feitheamh beachd bho Chomhairle nan Eilean Siar air na thuirt an t-Oll. MacLeòid.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile