Ceist mu ath-leasachadh fearainn

  • Air fhoillseachadh
Fearann
Fo-thiotal an deilbh,
Fo na molaidhean, dh'fheumadh companaidh no duine sam bith a cheannaicheadh fearann an Alba a bhith stèidhichte 's clàraichte san AE.

Tha Comann Lagha na h-Alba air teagamh a thogail mu phlanaichean ath-leasachaidh fearainn Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt a' bhuidheann gum faodadh na planaichean companaidhean bho thall-thairis a dh'iarradh airgead a chur an sĂ s an Alba a chur dheth.

Nochd am beachd seo ann am freagairt gu co-chomhairleachadh air na planaichean, a tha a' tighinn gu crìch an-diugh (Dimàirt).

Thuirt Comann Lagha na h-Alba gu bheil iad draghail mu mholadh gus companaidhean bho thaobh a-muigh an Aonadh Eòrpach a chasg bho bhith a' ceannach fearainn an Alba.

Tha an t-atharrachadh ga mholadh airson cùisean a dhèanamh nas soilleire, agus gus nach bi talamh ga chlàradh ann an àiteachan far am bi daoine a' seachnadh chìsean.

Ach, tha eagal air a' Chomann nach e seo an dòigh às fheàrr sin a dhèanamh.