Ceistean mun Ghàidhlig aig sgoil Bhaile Dhubhthaich
- Air fhoillseachadh

Thèid iarraidh air comhairlichean Diciadain cead a thoirt campas ùr sgoile a thogail ann am Baile Dhubhthaich.
Bhiodh gach àrd-sgoil, bun-sgoil is sgoil-àraich sa bhaile - Beurla agus Gàidhlig - air an aon làraich.
Tha coltas gu bheil muinntir an àite an ìre mhath riaraichte leis a' phlana.
Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a' cuir taic ris.
Àrainneachd Chànain
Ach tha ceistean fhathast mu dè dìreach an seòrsa àrainneachd Ghàidhlig a bhios aig a' chloinn ann.
'S ann aig aonad am Bun-sgoil Chnoc na Creige a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ga thoirt seachad am Baile Dhubhthaich an-dràsta.
Ach fon phlana dheadh Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich, an dà bhun-sgoil anns a' bhaile, agus Sgoil Shònraichte Naoimh Dubhthaich, a tha uile ann an togalaichean a th' ann an droch staid, a chur còmhla.
Bhiodh earrainnean bun-sgoile agus àrd-sgoile na sgoile ùire gan cumail fa-leth, fo cheannardan fa-leth.
Bhiodh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig na phàirt de dh'fhoghlam bun-sgoile sa champas ùr.
Tha ceistean air èirigh bhon mhòr-shluagh, mu chlann cho òg ri trì bliadhna de dh'aois a bhith còmhla ri cloinn aois 18 air an aon làraich.
Tha a' Chomhairle air a ràdh ge-tà, gu bheil sin mar thà a' tachairt ann an iomadh àite, agus air Ghàidhealtachd mar thà ann an àiteachan leithid Dòrnach, Ceann Loch Biorbhaidh, Ceann Loch Lìomhainn agus Cille Chuimein.
Tha dragh ann cuideachd mun bhuaidh a bheireadh an gluasad air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus àrainneachd chànain na cloinne sin, ri linn 's gum biodh co-roinn gu math nas bige aig a' chànan 's i air an aon làraich ris a h-uile sgoilear Beurla ann am Baile Dhubhthaich, seach na pàirt de bhun-sgoil nas bige.
Bha tidsearan cuideachd den bheachd gum bu chòir raon-cluiche fa-leth a bhith aig clann na Gàidhlig.
Leudachadh
Tha oifigearan na Comhairle ge-tà, ag ràdh gum biodh buannachdan mòra an cois a' phlana, le daoine a bhith còmhla air an aon làraich.
Thuirt iad gu bheil aca fhathast ri dreach a' champais ùir obrachadh a-mach.
Tha Bòrd na Gàidhlig gu math taiceil don phlana. Ann an aithisg a dh'ullaich Ceannard Foghlaim a' Bhùird, Màiri Nic Ille Mhaoil, thuirt i gu bheil cothroman na lùib airson na Gàidhlig.
"Le bhith a' cumail a' dol le foghlam Gìadhlig san àrainn ùir a thathar a' moladh, thèid ìomhaigh foghlaim na Gàidhlig a thogail agus bidh e tarraingeach do phàrantan, a tha a' smaoineachadh air foghlam Gàidhlig 's dòcha.
"Ma thèid na sgoiltean ann am Baile Dhubhthaich a chur còmhla, tha sin a' dol a chruthachadh barrachd chothroman a thaobh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig do theaghlaichean nach robh air beachdachadh ron a seo air foghlam tron Ghàidhlig airson an cuid chloinne, seach nach eil iad a' fuireach san sgìre air a bheil Bun-sgoil Chnoc na Creige a' frithealadh," thuirt i.
Chan eil aithisg a' Bhùird idir a' togail iomagain mu àrainneachd chànain na sgoile.
"Ma tha àrainneachd foghlaim ann far a bheil spèis cho-ionnan ga nochdadh ron Ghàidhlig agus don Bheurla, dh'fhaodadh sin cur ris an àrainn foghlaim san fharsainneachd," thuirt Màiri Nic Ille Mhaoil.
"Ma thèid Gàidhlig a shealltainn air feadh an ionaid ùir ... seallaidh e do na daoine a bhios san àrainn, agus do mhuinntir Bhaile Dhubhthaich san fharsainneachd dè an t-àite a th' aig a' Ghàidhlig nam measg, agus sa choimhearsnachd," thuirt i.
Tha an aithisg cuideachd ag ràdh gum feumar ullachadh a dhèanamh aig ìre thràth airson leigeil le foghlam Gàidhlig fàs anns an sgoil ùir, air feadh a h-uile ìre.
"Bu chòir dèanamh cinnteach leis a' ghoireas ùr gu bheil àite gu leòr ann gus an gabh foghlam tron Ghàidhlig a leudachadh aig gach ìre, agus nach bithear ag obrachadh a-mach dè na goireasan a tha a dhìth air foghlam tron Ghàidhlig a rèir na h-àireimh chloinne a tha ann am foghlam tron Ghàidhlig an-dràsta," thuirt i.