Tuathanaich ùra aig Coimisean na Coilltearachd

  • Air fhoillseachadh
Sandy, Kirsteen agus am macTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Tha cliù aig Sandy mar thà airson caoraich a bhriodadh.

Chaidh tuathanaich a thaghadh airson bun-thuathanas, air fearann a tha le Coimisean na Coilltearachd ann an Gallaibh a ruith.

Tòisichidh Sandy agus Kirsteen Douglas, 's am mac a tha ochd bliadhna de dh'aois, a' ruith tuathanais Achadh na Mònadh ann an Hàcraig, air 1mh an Giblean.

Buinidh an teaghlach do Quoybrae ann an Gallaibh.

Bheir sgeama nam Bun-thuathanasan cothrom do thuathanaich ùra tòiseachadh a-mach sa ghnìomhachas.

Prìomhachasan

Bheirear gabhaltas 10 bliadhna dhaibh, leis am faod iad gnothachas a thogail air fearann air oighreachd Choimisein na Coilltearachd.

Tha Mgr Douglas an-dràsta ag obair na mhanaidsear agus ceann-chlabhsa air Margaidh Sprèidh Quoybrae.

Tha treud de chaoraich Charolais agus Blueface Leicester aige fhèin cuideachd, - agus cliù airson briodadh - agus bidh cothrom aige an treud aige fhàs air an fhearann ùr aige.

"Tha sinn cho toilichte a bhith a' gabhail a' bun-thuathanais seo, agus tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ri Coimisean na Coilltearachd," thuirt Sandy.

"'S e naidheachd mhath dha-rìribh a th' ann don teaghlach, gu h-àraid seach gu bheil e cho ionadail.

"Bha am pròiseas a thaobh a bhith a' cur a-steach air a shon gu math feumail cuideachd, oir thug e oirnn na planaichean gnothachais againn a theannachadh, agus a bhith ag amas air na prìomhachasan againn."

Tha dùil gum bi mu 101 hectare de mheud anns an tuathanas aige, le 56 hectare de thalamh ionaltraidh leasaichte, agus 45 hectare de dh'ionaltradh gharbh.

'S e Achadh na Mònadh an ochdamh bun-thuathanas a tha an Coimisean a' leigeil ann na Alba, agus a' chiad fhear air Ghàidhealtachd.

Tha am prògram a' ruith mar thà ann am Fìobha, Siorrachd Àir, Siorrachd Shruighlea, Siorrachd Obar Dheathain, agus Siorrachd Dhùn Phris.