Cruaidh fheum air puingean aig County

  • Air fhoillseachadh
Jim Mac an t-SaoirTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Ross County comasach air èirigh suas an lìog am beachd Jim Mhic an t-Saoir.

Thuirt manaidsear Ross County gum feum an sgioba a-nise tòiseachadh air puingean a thogail ma tha cothrom gu bhith aca fuireach sa Phrìomh Lìog.

Tha sgioba Jim Mhic an t-Saoir a-nise 6 puingean air cùlaibh Thobar na Màthar is St Mirren aig bonn na lìge.

Cha do bhuannaich iad ach dà gheama bho ghluais Mac an t-Saoir gu tuath à Queen of the South san t-Sultain is chaill iad 4-0 ri Obar Dheathain aig Pittodrie Disathairne.

Dòchasach

A dh'aindeoin sin uile, tha Mac an t-Saoir dòchasach fhathast gun cum e an cluba suas, ged a tha e ag aideachadh gu bheil cruaidh-fheum aca air puingean.

Tha e ag amas air trì dhuibh sin an uair a thig Tobar na Màthar do dh'Inbhir Pheofharain Disathairne seo tighinn.

"Tha sinne a' tighinn a-steach a-nise do shreath gheamaichean as urrainn dhuinn buannachadh, nar beachd fhèin, thuirt Mac an t-Saoir.

Aig an taigh

"Bha fios againn bho thùs gum feumadh sinn a bhith nas fheàrr aig an taigh is seo a-nise an t-àm sin a dhèanamh".

"Feumaidh sinn a-nise na puingean fhaighinn is tha fios againn air sin, tha an t-àm ann. Bidh an ath shia gu ochd seachdainnean cho cudromach 's a ghabhas dhuinn, feumaidh sinn puingean fhaighinn gus cothrom a thoirt dhuinn fhèin an uair a thèid an lìog a sgaradh na dà leth".

Thuirt Mac an t-Saoir gum faigheadh an sgioba na h-uimhir de mhisneachd le trì puingean bho Thobar na Màthar, ged a dh'aidich e gur e an rud as cudromaiche 's dòcha nach caill iad an geama.

Dìon

Chuir e dìon cuideachd air an obair a rinn e fhèin bho ghabh e an obair, is cuid air ceistean a thogail mu dhith adhartais aig Pàirce Bhictoria.

"Tha mi gu làidir a' creidsinn gu bheil sinn math gu leòr airson faighinn a-mach às an staing a tha seo.

"Tha mi den bheachd gu bheil sinn nas làidire a-nise le na balaich a thug sinn a-steach ro dheireadh an Fhaoillich, ged a bhios feum aig duine no dithis dhiubh air beagan a bharrachd ùine mus bi iad fut gu leòr", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh