Comhairliche ùr an Leòdhas

Thèid an neo-eisimileach Alasdair MacIllinnein a thaghadh mar chomhairliche do sgìre an Taobh Siar agus Nis.

Bha bhòt gus a bhith ann gus comhairliche ùr a thaghadh às dèidh bàs Choinnich Mhoirich san Dùbhlachd.

Cha tàinig ach Mgr MacIllinnein air adhart ge-tà, agus dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gun tèid e na chomhairliche Diardaoin an 12mh den Mhàirt, an là a bha an taghadh gus a bhith ann.

Bha Mgr MacIllinnein roimhe na rùnaire air meur nan Eilean Siar den aonadh Unison.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile