"Cha deach an sluagh a mhealladh"

An rathad ùr
Image caption Cosgaidh am pròiseact a-niste £55m, 's a' chosgais air èirigh gu mòr.

Tha ceannard bun-structair Chomhairle na Gàidhealtachd, Cailean Howell, a' dol às àicheadh gu bheil an t-ùghdarras ionadail a' mealladh an t-sluaigh mu chosgais cheangail-rathaid an iar Inbhir Nis, agus cosgais a' phròiseict air dùblachdh bho chionn trì bliadhna.

B' e £27m an roghainn as saoire a bh' ann ann an 2012 ach tha e a-nise a' dol a chosg £55m.

Bha Roy Pedersen na chomhairliche nuair a chaidh aontachadh ris a' phròiseact agus ged a tha e den beachd gu bheil e doirbh suim airgid a chur mu choinneimh na sgeama tha e ag ràdh gur math 's fhiach a' chosgais air a' cheann thall.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil am pròiseact seo cudromach, agus lauchmhor cuideachd," thuirt e.

Luach air èirigh

"'S dòcha gu bheil na cosgaisean a' dol suas airson diofar adhbharan - ach tha an luach a' dol suas cuideachd.

"Gu sònraichte leis mar a tha barrachd chuideim air rathaidean sa bhaile fhèin.

"Mar sin, 's e an rathad tarsainn na h-aibhne agus a' chanàil, mar a tha e air a phlanadh, an dòigh cheart agus as fheàrr.

"Chan eil mi nam chomhairliche a-nis, so chan eil fhios agam dè dìreach an adhbhar a tha a' chosgais air a dhol suas, ach sin mar a tha e le pròiseactan mar sin," thuirt e.

Thuirt a' Chomhairle gur e ìre na h-atmhorachd as coireach ri mar a tha na cosgaisean air èirigh, agus iad ag ràdh gu bheil iad air ath-smaoineachadh a dhèanamh air a' bhuaidh a bheir am pròiseact air Raon-goilf Thòrr Bheathainn, agus pàirce an rugbaidh, agus daoine air a bhith a' togail dragh mu dheidhinn sin.

Thèid raon-goilf ùr, taigh-cluba ùr, agus àite cleachdaidh ùr a dhèanamh.

"Aon de na rudan math a tha a' tighinn a-mach às a' phròiseact, 's e raon-goilf ùr, nas fheàrr na tha ann, agus pàirce ùr rugbaidh a chur air stèidh," thuirt Mgr Pedersen.

"Chan eil pàirce an rugbaidh cho math an-dràsta, so bidh e nas fheàrr nuair a bhios an rathad ùr air stèidh," thuirt e.