Co-dhùnadh air ospadal ùr an Eilein Sgitheanaich

Ospadal
Image caption Tha cuid sa cheann a tuath mì-thoilichte leis a' cho-dhùnadh, agus iad a' togail dragh mun phròiseas a chaidh a leantainn.

Tha a h-uile coltas ann a-nis gur ann san Ath Leathann a thèid ospadal mòr ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois a thogail.

Chuir Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, a taic gu h-oifigeil ri moladh NHS na Gàidhealtachd Dimàirt.

Sin dà là an dèidh do luchd-strì sa cheann a tuath den eilean iarraidh oirre panail ath-sgrùdaidh neo-eisimealach a stèidheachadh agus teagamhan fhathast orra mun cho-chomhairleachadh phoblach a rinn an t-ùghdarras slàinte.

Bidh iad cuideachd a' sireadh ath-bhreithneachaidh laghail air a' phròiseas agus, fon bhratach NHS SOS, a' cumail orra a' strì airson seirbheisean slàinte a ghlèidheadh, a dh'aindheoin co-dhunadh an riaghaltais.

Seirbheisean sna Coimhearsnachdan

"Thachair an rud dà mhìos na bu chleabhaire na Baile nan Granndach, agus tha sin a' ciallachadh gu bheil rudeigin air cùl ghnothaich, gu do thachair seo cho cleabhair," thuirt fear-labhairt na buidhne, Niall Fearghasdan.

"Tha daoine anns a' Phàrlamaid a' faicinn gu bheil na coimhearsnachdan ag èirigh suas, agus a' faicinn gu bheil seirbheisean air an gearradh air ais.

"Tha iad ag ràdh gu bheil rudan mìorbhaileach ùra a' dol a bhith aca.

"Ach aig deireadh an là, nuair a chì thu rudan a tha a' tachairt anns na coimhearsnachdan - mnàthan-glùine, duilgheadasan aca daoine fhaighinn airson na h-obrach sin - tha e garbh.

"'S e strì a th' ann airson seirbheisean a tha math, airson seirbheisean a tha freagarrach air sgàth nam milleanan notaichean a tha gan cosg.

"Cha robh riamh leithid de dh'airgead ga chosg air slàinte. Agus 's e seirbheisean anns na coimhearsnachdan a tha feumach air brosnachadh," thuirt e.

Beachd a' Mhòr-Chuid

Tha cuid ann an ceann a deas an eilein ge-tà, ag ràdh gu bheil an t-àm ann sguir a ghearain, agus dragh ann nach tèid an t-ospadal ùr air adhart air a' cheann thall.

"Tha sinne a' cur fàilte mhòir air an naidheachd gu bheil co-dhùnadh air a dhèanamh mu dheireadh thall mu dheidhinn ospadail ùir anns an Eilean Sgitheanach, agus gu bheil sin gu bhith anns an Ath Leathann," thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Shlèite, Ruairidh Moireach.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir do dhaoine a-nise gabhail ris an t-suidheachadh sin gus an tachair sin anns an ùine as giorra a ghabhas e a bhith dèante.

"An goireas a th' againn an-dràsta, chan eil e freagarrach air dhòigh sam bith airson an rud a thathas ag iarraidh a dhèanamh.

"Tha mi an dòchas a-niste gun tig daoine às na h-iomairtean sin air cùl Bhòrd na Slàinte, agus gum bi an goireas as fheàrr a ghabhas againn anns an eilean.

"Tha seo air a bhith a' dol air adhart o chionn bhliadhnaichean mòra a-niste, agus thathas air a dhol troimhe uair is uair, 's tha a h-uile duine air cothrom fhaighinn am beachdan a thoirt seachad.

"Agus gu dearbha 's e beachd a' mhòr-chuid gur ann san Ath Leathann a bu chòir dha a bhith.

"Agus 's e cunnart mòr a th' ann, ma thèid na daoine sin gu lagh, agus gun tèid leotha, gun caill sinn a h-uile càil a th' ann, mar a tha sinn a' faicinn tha taghadh Pàrlamaid gu bhith againn ann an dhà no trì sheachdainnean, agus 's e a tha fa-near dhan Riaghaltas ach an tuilleadh ghearradh airgid.

"Mura bi an obair air tòiseachadh an uair sin, agus gu bheil an àimhreit a tha seo, am buaireadh a tha seo, a' dol eadar an ceann a deas is an ceann a tuath, 's e cunnart mòr a th' ann gun can an Riaghaltas agus Bòrd na Slàinte, uell, tha sinn a' cuidhteas seo a-nise, 's cuiridh sinn an t-airgead a dh'àite eile.

"'S e call mòr mòr a bhiodh an sin," thuirt e.