Dùinidh Àrd-Sgoil Lìonail san Òg-Mhìos

Sgoil Lìonail
Image caption Bhòt Comataidh an Fhoghlaim air an t-seachdain seo chaidh airson an àrd-sgoil a dhùnadh, 's a' chlann a chur gu Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.

Thuirt pàrantan ann an Nis ann an Leòdhas gur e buille chruaidh a th' ann dhan sgìre gu bheil Comhairle nan Eilean Siar air co-dhùnadh àrd-sgoil dà bhliadhna Lìonail a dhùnadh.

Bha a' bhòt oidhche Chiadain co-ionnan aig15 gach taobh, agus 's e bhòt Fhir-Ghairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, a rinn an co-dhùnadh.

Dùinidh an sgoil anns an Òg-Mhìos, agus bidh aig a' chloinn ri falbh còrr is 20 mìle agus air ais gach là, gu Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.

Tha pàrantan na sgoile air dragh a thogail mu dheidhinn sin, agus mun bhuaidh a bheir dùnadh na sgoile air a' choimhearsnachd.

Briseadh-dùil

Thuirt fear de chomhirlichean Nis agus an Taobh Siar, Coinneach MacLeòid, gur e bristeadh-dùil a th' ann do mhòran 's an sgìre.

"Gu dearbha fhèin, 's e briseadh-dùil mòr a tha seo dha na pàrantan, agus dha na sgoilearan ann an Sgoil Lìonail, agus na sgoilearan a th' air a bhith ann an Sgoil Lìonail thairis air na bliadhnaichean," thuirt e.

"Gu h-àraid leis cho teann 's a bha a' bhòt. Droch dhòigh, chanainnsa, air sgoil a dhùnadh.

"Tha a h-uile duine a' cur nam beachdan aca fhèin air adhart ann an argamaid agus ann an deasbad mu dheidhinn a bhith a' dùnadh sgoiltean.

"An e airgead a th' ann? An e maith na cloinne? Tha e a rèir 's cò ris a tha thu a' bruidhinn.

"A thaobh airgid, chan eil mise a' smaoineachadh gu bheil a' Chomhairle a' dol a shàbhaladh ach glè bheag de dh'airgead.

"'S dòcha gun cosg e dhaibh barrachd aig a' cheann thall.

"A thaobh foghlaim na cloinne, chuala sinn anns an aithisg bho HMI (Luchd-Sgrùdaidh na Bànraighinn) gun robh a' chlann ann an Sgoil Lìonail a' dèanamh a' cheart cho math ann an cuspairean 's a bha a' chlann sa chiad agus anns an dàrna bliadhna ann an Sgoil MhicNeacail.

"Agus ann an cuid de chuspairean, bha iad a' dèanamh fiù 's nas fheàrr na bha na sgoilearan aig Sgoil MhicNeacail," thuirt e.

Tha pàrantan na sgoile air mì-thoileachas agus fiù 's fearg a nochdadh aig a' cho-dhùnadh.

Èisteachd

"Tha na pàrantan gu lèir anns an sgìre air fad a' faireachdainn gu bheil a' Chomhairle gar leigeil sìos, 's nach eil iad ag èisteachd rinn," thuirt tè de na pàrantan, Màiri Mhoireach.

"'S e sin a tha sinn air a bhith a' faireachdainn bho thùs. Nach eil iad ag èisteachd ri facal a tha sinn ag ràdh.

"Bha sinn a' faireachdainn sin cuideachd aig a' choinneimh seo.

"Agus a' choinneamh an t-seachdain seo chaidh, bha mi fhìn aig a' choinneimh sin, agus dh'iarr Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, air na bha an làthair gun a bhith ag èisteachd ris an fhuaim a bha sinne a' dèanamh idir.

"Dh'iarr e sin. Agus 's e rud duilich a bha sin dhuinne a chluinntinn, an dèidh na rinn sinn de shabaid airson na sgoile, agus Ceannard na Comhairle a' cantainn gun a bhith ag èisteachd rinn.

"'S ann air a' chloinn a bhios a' bhuaidh as miosa, aig an aois òig a tha sin.

"Chan eil càil againn an aghaidh iad a bhith a' dol a-null aig 13, ach 's e cho òg 's a th' aca ri bhith a' dol a-null. 'S e sin an rud as miosa.

"Ach cuideachd, na rudan a tha a' dol anns na sgìre às dèidh na sgoile, ann an Taigh Dhonnchaidh 's ann an Spòrs Nis, 's a h-uile càil a tha sin.

"Ma bhios a' chlann cho sgìth 's gun stad iad a dhol a-mach às dèidh sgoile, bheir sin buaidh air an àite.

"Agus 's dòcha duine sam bith a tha ag iarraidh gluasad a-steach dhan àite. Chan e rud math a th' ann ann an dòigh sam bith," thuirt i.

Maith na Cloinne

Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlaim agus Seirbheisean Cloinne na Comhairle, Catriona Stiùibhart, gur e maith na cloinne a bha gan stiùireadh.

"Tha beachdan làidir air gach taobh, agus bhiodh e iongantach mura biodh sinn a' cluinntinn bheachdan nach b' urrainn dhuinn a chluinntinn an t-seachdain a chaidh.

"Tha e seachad dhuinne mar Chomhairle, ach tha e a-nise ann an làmhan mhinistearan ann an Riaghaltas na h-Alba.

"Tha ochd seachdainnean anns na urrainn dhaibh an inntinn a dhèanamh an-àirde dè tha iad a' dol a dhèanamh," thuirt i.

Nochd cuid dragh mu na bha an dàn do Bhun-sgoil Lìonail, ach thuirt a' Bh.Ph. Stiùbhairt nach eil adhbhar dragh aca.

"Chan eil uallach sam bith mu dheidhinn na bun-sgoile. Chan eil a' Chomhairle a' dol a dhèanamh càil leis a' bhun-sgoil.

"Tha clann gu leòr anns a' bhun-sgoil ann an Sgoil Lìonail," thuirt i.