Ceistean mu fhoghlam Ghàidhlig aig tuath

  • Air fhoillseachadh
A' Ghàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dithis chloinne fhathast a' faighinn foghlam Ghàidhlig, ach aig Àrd-Sgoil Fàrr.

Tha ceistean ag èirigh mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùthaich MhicAoidh an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd an t-aonad Gàidhlig aig Bun-sgoil Thunga a dhùnadh.

Thuirt a Chomhairle gur e cho beag chloinne 's a bha a' dol ann as coireach.

Tha pàrantan ag ràdh ge-tà, nach robh a' chlann a' faighinn foghlaim air a bheil iad airidh.

Tha an dithis chloinne a th' air fhàgail a-niste a' faighinn foghlaim Ghàidhlig bho thidsear ann an Àrd-sgoil Fàrr.

Seachnadh na Trioblaid

"Chanainn gur e suidheachadh cho suarach 's a ghabhas a th' ann, agus bu chòir an dearg-nàire a bhith air a' Chomhairle gun do leig iad leis an t-suidheachadh a tha seo a bhith a' dol air adhart fad bhliadhnaichean," thuirt Alasdair MacMhaoirn, a th' air a bhith a' strì iomadh bliadhna às leth na Gàidlhig san sgire.

"Tha mi cinnteach gu bheil stiùiridhean agus riaghailtean ann aig a' Chomhairle a thaobh uairean teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig airson aonad sam bith a bhith ceart ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Chan ann mar sin a tha gnothaichean air a bhith fad bhliadhnaichean.

"'S e rud a th' air a bhith a' leantainn, 's a' dol air adhart, agus dìreach mar a tha e an-dràsta, cuid den chloinn a' falbh, 's e an sramh mu dheireadh," thuirt e.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil ceannard na sgoile fileanta sa Ghàidhlig, agus i air a bhith san dreuchd fad còrr is 20 bliadhna.

"Chan eil an dà phuing a tha sin a' tighinn a-steach gu an trioblaid a bh' ann," thuirt Mgr MacMhaoirn.

"Chan e ceist fileantachd a th' ann. 'S e uairean teagaisg an rud as miosa a bh' ann.

"On a dh'fhàs ise gu bhith na ceannard sgoile, chaidh na h-uairean teagaisg a bha na sgoilearan a' faighinn sìos gu, aig a' char as àirde, trì làithean air leth gach seachdain.

"Chan eil sin math gu leòr. Tha fhios aig daoine air feadh an t-saoghail a tha a' dèiligeadh ri foghlam tro mheadhan ge b' e an cànan a th' aca, gum feum bogadh a bhith ann.

"Gu h-àraidh anns a' chiad trì bliadhnaichean den sgoil. Agus cha robh sin ann.

"Agus dh'fhàs gnothaichean fiù 's na bu mhiosa bho chionn bhliadhnaichean dar a dh'fhalbh an ceannard a bha sin. Agus mar a tha na pàrantan fhèin a' cantainn cha robh a' chlann aca a' faighinn ach aon là san t-seachdain tro mheadhan na Gàidhlig. A h-uile càil eile cuide ri cloinn tro mheadhan na Beurla.

"Dè seòrsa foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig a tha siud?," thuirt e.

Teaghlaichean a' fàgail

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur nach e cion luchd-obrach a bu choireach, ach gun do dh'fhàg teaghlaichean an sgìre, agus le sin gun tàinig an àireamh de chloinn a tha a' frithealadh na sgoile sìos gu mòr.

"A-rithist, tha iad a' seachnadh na prìomh thrioblaid," thuirt Mgr MacMhaoirn.

"'S e sin dè cho math 's a tha am foghlam a tha iad a' faighinn.

"Tha na h-àireamhan air a bhith a' tuiteam thar nam bliadhnaichean. Gu ìre tha mi a' tuigsinn, 's e àite beag a th' ann, chan eil mòran cloinne ann.

"Ach aig an aon àm, ma bhruidhneas tu ris na pàrantan fhèin, tha iad ag ràdh gur e cho bochd 's a tha am foghlam a tha a' cur dragh orra.

"Tha mi an dòchas gu bheil rudeigin a ghabhas dèanamh mu dheidhinn an t-suidheachaidh a tha seo, agus 's e a' chiad rud, a bhith a' faighinn tidseir.

"Tidsear as urrainn a bhith ann, agus 's e an dàrna rud, a bhith a' dèanamh beagan sanasachd anns an sgìre, airson a bhith a' sealltainn dha na pàrantan gur e rud math a th' ann, agus gu bheil e gu bhith na bhuannachd dhan cuid chloinne a bhith a' tighinn gu aonad Gàidhlig.

"Gus an tèid sin a chur ceart cha bhi leasachadh sam bith ann," thuirt e.