Tablaidean an asgaidh do sgoilearan na Gàidhealtachd?

  • Air fhoillseachadh
Balach a' cleachdadh tablaid
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh innse do chomhairlichean gun tug tablaidean piseach air obair nan sgoilearan.

Dh'fhaodadh gun toir Comhairle na Gàidhealtachd compiùtairean tablaid don a h-uile sgoilear ann an sgoiltean na sgìre.

Chaidh innse do bhuill Chomataidh an Fhoghlaim Diciadain gun tug sgeamaichean pìleat den leithid ann an cuid de sgoiltean crathadh air foghlam.

Chuala iad cuideachd ge-tà, gur dòcha gun cleachd am plana cuid mhòr de bhuidseat foghlaim an ùghdarrais.

Dh'innis Laura Ghòrdan, a tha na ceannard aig Acadamaidh Alanais, don chomataidh gun robh sgoilearan a' toirt barrachd aire don cuid obrach sgoile ri linn nan tablaidean, agus gun robh iad a' dèanamh obair nas fheàrr.

A dh'aindeoin na cosgais a bhiodh an lùib leithid de sgeama, tha Cathraiche Comataidh an Fhoghlaim, Alasdair Christie, ag ràdh gur e rud a th' ann a bhiodh e a' miannachadh san ùine fhada, fiù 's am measg ghearraidhean.

Tha e a' togail puing gur dòcha gun tigeadh sàbhalaidhean an cois an leithid, le bhith a' lùghachadh an fheum a th' air leabhraichean teacsa, agus gun toireadh e eòlas do dhaoine òga air rud luachmhor san àm ri teachd.