150 bliadhna de Chala Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh

Tha Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh a' comharrachadh 150 bliadhna am-bliadhna bho thòisich am port ag obrachadh an ìre mhath sa chruth anns a bheil e an-diugh.
Mar phàirt dheth seo, foillsichidh iad leabhar de sgrìobhaidhean, dealbhan agus bàrdachd oidhche Haoine, a rinn an sgrìobhaiche Dòmhnall S. Moireach, an co-bhann leis an fhear-dheilbh, Dùghlas Robastan.
"Bha sinn a' bruidhinn air grunn rudan airson comharrachadh gun robh am port gu bhith 150 bliadhna bho thòisich e, am-bliadhna fhèin," thuirt Cathraiche Ùghdarras a' Phuirt, an Caiptein Bert Frater.
"Chan e seo a' chiad leabhar a chaidh a sgrìobhadh mu dheidhinn Puirt Steòrnabhaigh. Chaidh leabhar a sgrìobhadh bho chionn timcheall air deich bliadhna air ais saoilidh mi, agus e air a sgrìobhadh le Catriona NicAoidh, agus 's e eachdraidh a' phuirt a bha sin.
Farpais
"'S e leabhar math dha-rìribh a bh' ann dhan a h-uile duine a cheannaich e. Tha e ri fhaighinn fhathast," thuirt e.
'S e cala nàdarra a th' ann an Steòrnabhagh (a tha a' ciallachadh Bàgh an Stiùiridh ann an Lochlannais), agus tha cho math 's a tha e mar phort ainmeil.
"Tha e fasgach, ach bu chaomh leam gum biodh barrachd fasgaidh ann," thuirt an Caipt. Frater.
"Nuair a gheibh thu a' ghaoth a' tighinn bhon dheas ann an sin, tha suaile mhath ann glè thric," thuirt e.
Am measg na thèid a dhèanamh gus an ceann-bliadhna a chomharrachadh, thèid co-labhairt bhliadhnail Puirt Bhreatainn a chumail sa bhaile as t-Fhoghair.
"Bidh timcheall air 200 delegate ann an sin, 's tha mi a' creids' gum bi feadhainn a bhuineas dhaibh a' tighinn còmhla riutha cuideachd.
"Tha sinn ag iarraidh gum bi iad ann timcheall air ceithir là, ach 's mathaid gum bi e nas giorra na sin.
"Aon rud eile a dh'fhaodas mi innse, 's e gu bheil farpais gu bhith ann eadar bàtaichean-siubhail, agus tha copan gu bhith ann.
"Bidh sin am measg nan rudan a bhios iad a' dèanamh aig Sail Hebrides.
"Tha mi an dòchas gun tog seo ìomhaigh a' phuirt, agus cuideachd tha tòrr shoithichean crùis a' tighinn a-steach am-bliadhna. 46 dhiubh.
"Agus tha sin gu bhith air a ghabhail a-steach dhan rud cuideachd," thuirt e.