Teine "air a chur ri duine an Inbhir Narann"
- Air fhoillseachadh
Chaidh duine ann an Inbhir Narann a tha gun dachaigh a chur na theine a dh'aona-ghnothach, a rèir nam Poileas.
Tha am fireannach, a tha 34, a' faighinn leighis aig Ospadal St john's ann am Baile Dhùn Lèibhe, 's e air a dhroch losgadh gu h-ìosail air a bhodhaig san ionnsaigh a thachair ann an Inbhir Narann mu 11:15f Dimàirt.
Chaidh ainmeachadh gu h-ionadail mar Seumas Seathach.
Thuirt na Poilis gun robh e ann an staid sheasmhaich.
"'S urrainn dha Poilis Alba dearbhadh gu bheileas a' dèiligeadh ris a' chùis seo mar rud a rinneadh a dh'aona-ghnothach, agus gu bheil loidhne sgrùdaidh gealltanach againn," thuirt labhraiche do na Poilis.
"Tha oifigearan gan dèanamh fhèin gu math follaiseach 's iad air patròl san sgìre, gus furtachd a thoirt don phoball."