Togalach aig Sgoil an Ath Leathainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sgoil an Ath Leathainn na "cùis nàire"

13 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Bun-Sgoil an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach na cùis nàire, 's chan eil i freagarrach airson a bhith a' teagaisg chloinne innte.

'S e sin a tha fear de comhairlichean an Eilein air innse do Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha mullach an togalaich ag aodion 's cha ghabh stad a chur air an uisge bho a bhith a' tighinn a-steach.

Tha comhairlichean an Eilein air fad a-nis ag iarraidh sgoil ùr a thogail anns an Ath Leathann cho luath 's a ghabhas.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.