Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gan càineadh

Caisteal Toll Àird
Image caption Bha muinntir an àite ag iarraidh ionda cur-seachad a dhèanamh den chaisteal.

Tha Mìcheal Russell BPA a' fàgail air oifigich agus buidhinn-riaghlaidh Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil iad cealgach agus gun fheum.

Dhiùlt a' Chomhairle tairgse Diardaoin de £850,000 bhon choimhearshachd a tha ag iarraidh Caisteal Toll Àird faisg air Dùn Omhain a cheannach.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad ag iarraidh £1.75m air an togalach.

Ach tha Mìcheal Russell, a tha a' riochdachadh na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil ceistean mòra mu choinneimh na Comhairle.

"'S e comhairle a tha seo ris a bheil Buidheann-Sgrùdaidh na h-Alba mar thà a' coimhead," thuirt e.

"'S e comhairle a th' ann a tha gun rian na chuid ghnothaichean.

"'S e comhairle a th' ann a tha a' creidsinn gu bheil iad os cionn gach càinidh, agus a tha a' creidsinn gu bheil rudeigin ceàrr air duine sam bith a nì càineadh orra.

"Saoilidh mi a-niste gum feum sinn gath solais a chur air a' bhuidhinn-riaghlaidh, agus air obair na Comhairle, agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum faigh sinn air ais gu suidheachadh far an cuir an sluagh earbsa sa Chomhairle, agus far am faod iad creidsinn gu bheil a' Chomhairle ag obair a chùm maith na sgìre.

"Tha mi ag ràdh sin le aithreachas mòr. Bu thoil leam gu mòr a bhith ag obair gu dlùth leis a' Chomhairle gus piseach a thoirt air an sgìre.

"Ach tha na chunnaic sinn, dha-rìribh a' dol an aghaidh deamocrasaidh àbhaistich. 'S e masladh a th' ann!" thuirt e.