Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cumhachdan Ùra Phoileas

Tha Poilis na h-Alba ag iarraidh chumhachdan ùra airson sgrùdadh air cloinn agus òigridh airson deoch-làidir. Tha ùghdarras nam Poileas a' deasbad na cùise an-diugh 's tha e coltach gu bheil iad ag iarraidh nan cumhachdan ùra seo an àite nan cumhachdan neo-stèidhichte a tha iad air a bhith a' cleachdadh gu ruige seo airson stad agus sgrùdadh air òigridh. Thuirt Àrd-Chonnstabal na h-Alba, Sir Stephen House, gum feum deasbad poblach a bhith ann air lagh no riaghailtean follaiseach ris am bi na Poilis a' gabhail.

Drabastachd

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte rannsachadh mu eucoir dhrabasta an aghaidh chloinne a leudachadh gu air feadh na Rìoghachd, a bharrachd air Sasainn agus a' Chuimrigh. Tha am moladh sin ann an aithisg bho Chomataidh Chùisean na Dùthcha ann an Taigh nan Cumantan. Dh'innis Riaghaltas na h-Alba mar thà gum bi rannsachadh ann air casaidean mu eucoir eachdraidheil an aghaidh chloinne a bha ann an cùram an Alba.

An Ugràin

Thuirt Seansalair na Gearmailte, Angela Merkel, gun cuir an t-Aonadh Eòrpach tuilleadh chasg-bhannan air an Ruis mura cùm i fois-fòirneirt ùr air taobh sear na h-Ugràin. Bha Ms Merkel a' bruidhinn an dèidh dhi fiosrachadh mu aonta na sìthe a thoirt do cheannardan an AE anns a' Bhruiseil. Tha an t-aonta ri tòiseachadh aig medhan-oidhche an ath-oidhche, ach tha sabaid a' sìor-dhol air adhart anns an sgìre.

Barabhas

Ghabh Urras Oighreachd Bharabhais ann an Leòdhas ceum eile an-raoir gu ruige ceannach na h-oighreachd às leth na coimhearsnachd. Bhòt a' mhòr-chuid a ghabh pàirt ann am baileat, 417 air a shon, 's e 80 a bhòt na aghaidh. Tha an teaghlach Duckworth leis a bheil am fearann airson còrr is 80 bliadhna, deònach an oighreachd a reic.

Caisteal Toll Àird

Tha am Ball-Pàrlamaid Mìcheal Russell a' fàgail air oifigich agus a' bhhuidhinn-riaghlaidh aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil iad cealgach agus gun fheum. Dhiùlt a' Chomhairle tairgse de £850,000 bhon choimhearsnachd a tha ag iarraidh Caisteal Toll Àird, faisg air Dùn Omhain, a cheannach. Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad ag iarraidh £1.75m air an togalach agus fearann mun cuairt air. Tha Mìcheal Russell, a tha a' riochdachadh na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, ag ràdh gu bheil ceistean mòra ann mu dhòighean-obrach na Comhairle.

MV Loch Seaforth

Tha am bàt-aiseig ùr Loch Seaforth air seòladh le luchd-siubhail agus càraichean airson a' chiad uair an-diugh eadar Leòdhas agus Tìr Mòr. Sheòl i à Steòrnabhagh aig 07:00m, agus tha i an-dràsta air an t-slighe air ais à Ulapul. Seo fhathast pàirt de na deuchainnean mara mus tòisich i air an t-slighe gu h-oifigeil. Tha an Isle of Aran a' tilleadh dhan t-seirbheis feasgar.