Planaichean gam foillseachadh airson Loch Baghasdail

Baile Loch Baghasdail
Image caption Thathas am beachd togail a thoirt air coltas a' bhaile.

Chaidh planaichean airson cala Loch Baghasdail a' sgeadachadh, luach £250,000, a thaisbeanadh sa bhaile oidhche Ardaoin.

'S e companaidh Leasachaidh Loch Baghasdail a th' air cùlaibh nam planaichean 's iad an dòchas an obair a thòiseachadh san Òg-Mhìos.

Ach tha ceist ann air co-dhiù an e seo an dòigh as fheàrr na h-uiread de dh'airgead a chosg, agus rudan eile ri dhèanamh air feadh a' bhaile.

"'S e deagh phlanaichean a th' ann. Tha mi an dòchas gum bi an t-àite a' coimhead nas fheàrr nuair a bhios a h-uile sian deiseil," thuirt Catriona Martindale, a tha a' fuireach ann an Loch Baghasdail.

Treiseag Mhòr

"Ach 's e tòrr airgid a th' ann, agus tha mi a' creidsinn, airgead a dh'fhaodadh iad rudan eile a dhèanamh cuideachd le sin tha mi a' smaointinn.

"Loch Baghasdail an-dràsta, chan eil mòran a' tachairt.

"Tha bùithdean a' dùnadh, 's a h-uile sian, so bhiodh e math tha mi a' smaointinn, a bhith ag obair air sin, a' feuchainn ri gnothachasan d'fhaoidte fhosgladh ann an Loch Baghasdail.

"Bidh, tha mi a' creidsinn, na rudan a tha seo snog ceart gu leòr, ach tha trioblaidean eile againn an Loch Baghasdail, leithid an aiseig, agus nach eil mòran dhaoine a' tighinn a-steach a Loch Baghasdail an-dràsta.

"Feumaidh sinn tha mi a' smaointinn obrachadh air sin.

"Bheir seo daoine a-steach ma tha àite aca far am faod iad coiseachd, no parcadh - tha iad ag ràdh gum bi parcadh againn 's a h-uile sian mar sin.

"Tha mi a' creidsinn gun tig iad a-steach airson treiseig bhig.

"Ach feumaidh sinn daoine cuideachd a thig a-steach agus a' fuireach airson treiseig mhòir, feuch an tig iad dhan taigh-òsta agus airgead a chosg an sin.

"Coimhead air na bùithdean - ach chan eil mòran dhiubh sin againn an-dràsta.

"Ach sin an rud a bhiodh cudromach do Loch Baghasdail agus do na daoine a tha ag obair 's a' fuireach an Loch Baghasdail," thuirt i.