Loch Seaforth air seòladh
- Published
Sheòl am bàt-aiseig ùr aig Cal Mac, MV Loch Seaforth, le luchd-siubhail agus càraichean airson a' chiad uair Dihaoine, eadar Leòdhas agus Tìr Mòr.
Dh'fhàg i Steòrnabhagh aig 07:00m, agus thill i às Ulapul.
Tha am bàta, a chosg £42m, air a bhith a' dèanamh deuchainnean cidhe anns an dà chala thuige seo.
Tha na seòlaidhean a tha i a' dèanamh a-niste fhathast nam pàirt de dheuchainnean mara mus tòisich in air an t-slighe gu h-oifigeil.
Gabhaidh i 700 de luchd-siubhail, 143 càraichean, no 20 carbad coimearsalta.
Chaidh a h-ainmeachadh an dèidh bàta bhig phuist a b' àbhaist a bhith a' siubhail eadar Leòdhas agus Tìr Mòr bho na 1940an gu ruige nan 1970an.