Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Stàit Ioslamach

Thug itelain chogaidh Èipheiteach ionnsaigh anns a' mhadainn an-diugh air làraichean na Stàite Ioslamaich ann an Libia, beagan uairean de thìde an dèidh do IS bhideo a sgaoileadh gan sealltainn a' cur Chrìosdaidhean às an Èipheit gu bàs. Tha am bhideo a' sealltainn deichnear co-dhiù às an Èipheit gan cur gu bàs ann an Libia, far an deach iad a dh'iarraidh obair.

Thuirt Prìomhaire Iorac gu bheil iad ag ullachadh ionnsaigh mhòir air an Stàit Ioslamaich. Thuirt Haider al-Abadi ris a' BhBC gu bheil armachd an Riaghaltais Ioracaich ag amas air feachdan IS a chur a-mach à Mosul, an treas baile as motha anns an dùthaich.

An Danmhairg

Chuir poilis anns an Danmhairg dithis dhaoine an grèim fo amharas gun do chuidich iad duine a tha fo amharas gun do mharbh e dithis nuair a loisg e orra le gunna aig sionagog agus cafaidh ann an Copenhagen air an deireadh-sheachdain. Chaidh an duine fhèin a mharbhadh nuair a loisg na Poilis air anns a' mhadainn an-dè.

Àireamhan Thidsearan

Thuirt ùghdarrasan ionadail na h-Alba gu bheil iad a' gabhail comhairle laghail air plana Riaghaltas na h-Alba airgead a chumail bhuapa ma ghearras iad àireamhan thidsearan. Tha Caidreachas nan Ùghdarrasan Iondail, (COSLA), a' cur teagaimh cuideachd ann an sgrùdadh a rinn ceangal eadar an àireamh thidsearan a th' aig na comhairlean agus cho math 's a tha clann-sgoile a' dèanamh. Thuirt aonadh nan tidsearan, an EIS, nach eil bun no bàrr air beachdan CHOSLA.

Deoch-làidir

Iarraidh Comann Ball-Choise na h-Alba beachd luchd-leantainn mu bhith a' ceadachadh deoch-làidir a-rithist aig geamaichean ball-choise. Tha na Tòraidhean agus na Làbaraich a' cur taic ris a' mholadh sin, ach tha Riaghaltas na h-Alba gu mòr na aghaidh.