Camain Tanera a' tilleadh dhan Ghàidhealtachd
- Published
Thèid camain Tanera a dhèanamh air Ghàidhealtachd a-rithist.
Cheannaich an cluicheadair iomain, Ailean Mac a' Phearsain, an gnothachas bho TS Hattersley and Son ann am Manchester, a th' air a bhith gan dèanamh o chionn deich bliadhna.
Thèid an dèanamh a-niste faisg air Inbhir Nis.
Chaidh a' chompanaidh a thòiseachadh le Billy MacIllEathain anns a' Ghearasdan anns na 1980an.
Camain Thàthte
Ann am meadhan nan 1990an ghabh Phillip Nolan agus a mhac, Cailean, a' chompanaidh thairis, mus do reic iad ris a' chompanaidh ann am Manchester.
Chaidh a cur air a' mhargaidh a-rithist anns an Damhair an-uiridh, agus am fear a th' air a bhith gan dèanamh, am Maighstir Ciùird Thomas Beckett, a' leigeil dheth a dhreuchd an dèidh 50 bliadhna aig a' chompanaidh, a bhios cuideachd a' dèanamh bhatannan lacrosse.
"Tha mi gu math taingeil airson a' phribhleid de bhith a' leantainn sgeulachd Tanera, agus tha mi a' faireachdainn gur e seo an ath-cheum dhomhsa, agus gun tèid e gu math leis a' ghnothachas saorsainneachd a th' agam," thuirt Mgr Mac a' Phearsain.
"Cumaidh mi a' dol leis an dreach a dhealbh Tanera air a' chaman, a thuilleadh air tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air na camain agam fhèin do chluicheadairean a tha ag iarraidh caman nas aotraime, air a dhealbh dhaibh fhèin," thuirt e.
Bidh Mgr Mac a' Phearsain a' dèanamh chaman a-mach à aon phìos uinnseinn, a tha eadar-dhealaichte bhon dreach thàthte a bhios Tanera a' dèanamh.
Thuirt Àrd-Oifigear Obrachaidh Chomann na Camanachd, Torcail MacLeòid: "Tha mi gu math toilichte gu bheil Ailean an dèidh cothrom a ghabhail dearbhadh gum bi na camain seo gan dèanamh airson an t-sàr-gheama againn."