Dragh mu lùghdachadh casg-astair

  • Air fhoillseachadh
Loch Garadh
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh seallaidhean on rathad a' tàladh mòran luchd-turais.

Tha draghan gan togail mu phlanaichean gus an casg-astair air an A87 a lùghdachadh bho 60 gu 50 m.s.u.

Tha a' bhuidheann Còmhdhail Alba ag ràdh gun dèanadh sin an rathad eadar Loch Nis agus Loch Aillse nas sàbhailte.

Tha muinntir an àite ge-tà, ag ràdh gun dèanadh e an rathad nas cunnartaiche, agus ùine a chur ri tursan dhaoine.

Tha an rathad a' ceangail Inbhir Garadh ri Cinn t-Sàile, Loch Aillse agus an t-Eilean Sgitheanach.

Tha Còmhdhail na h-Alba a' moladh an lùghdachadh a chur an sàs air a' chiad 6.5 mìle a-mach à Inbhir Garadh

Tha iad cuideachd ag amas air an lùghdachadh a chur an sàs air an 12.5 mìle eadar Cluanaidh agus Drochaid Sheile.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil cho cumanta 's a tha tubaistean air an dà earrainn seo den rathad a' fàgail gun dèanadh lùghdachadh feum.

Ach tha muinntir an àite ag ràdh gun dèanadh sin an rathad nas cunnartaiche, ga fhàgail nas duilghe dhaibh gabhail seachad air carbadan slaodach an luchd-turais gu sàbhailte.

Tha iad ag ràdh nach eil am moladh a' tighinn a rèir obair eile Còmhdhail Alba.