Dragh mu sheirbheisean dotair Ghlinn Eilge

Gleann Eilg Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dotair ri ghairm san sgìre air an deireadh-sheachdain, ach tha cosgais mhòr na lùib do Bhòrd na Slàinte.

Tha muinntir Ghlinn Eilge mì-thoilichte, 's an t-seirbheis mheidigeach aca taobh a-muigh uairean àbhaisteach a' dol a dh'atharrachadh.

Tha NHS na Gàidhealtachd am beachd atharrachadh mòr a thoirt air an t-seirbheis air feadh na Gàidhealtachd 's iad ag ràdh nach eil i seasmhach, gu h-àraid ann an Gleann Eilg far a bheil dotair locum ag obair air an deireadh-sheachdain.

Dh'aontaich Bòrd na Slàinte gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air an gabh seirbheis ciad chobhair, air neo "telebooth" a stèidheachadh far am bi daoine a' bruidhinn ri luchd-meidigeach tro cheangal bhideo.

"Tha dotair ann air an deireadh-sheachdain, "on call". Ach 's e sin an rud a tha a' cosg uabhas, tha e coltach," thuirt Dòmhnall Iain MacLeòid, a tha a' fuireach ann an Gleann Eilg.

Ciad Chobhair

"Tha mi a' tuigsinn nach urrainn dha a bhith mar a tha e, leis an airgead a tha Bòrd na Slàinte a' cosg air dotairean locum ann an seo.

"Tuigidh duine sam bith sin, o chionn, locum ann an seo, tha e a' faighinn, tha e coltach, £120 san uair airson an deireadh-sheachdain.

"Ged nach biodh e ag obair ach ochd uairean san là, bhiodh sin còrr is £2,000 a h-uile deireadh-sheachdain.

"Chan eil rian gun seas iad ri sin.

"Ach mar a bha mise a' cluinnteil, gun robh iad a' dol a chur a-steach nam First Responders a tha seo.

"Chan eil fhios agamsa air mòran mun deidhinn, ach mar a tha mi a' tuigsinn, na First Responders, chan eil ann ach mar gum biodh feadhainn aig a bheil ciad chobhair no rudeigin mar sin.

"Chan eil iad leth cho trèante ri nursaichean.

"Tha fìor eagal orm ro na First Responders a tha seo," thuirt e.

Seann Daoine

Tha Bòrd na Slàinte ag ràdh gun gabhadh barrachd teicneòlais a chur gu feum ann a bhith a' frithealadh na sgìre, leithid an "telebooth".

Ach tha Mgr MacLeòid teagmhach agus iomagainneach mu dheidhinn.

"Ceangal a' bhann-leathainn a th' againne, tha e cho slaodach 's gur gann gun urrainn dhut a chreidsinn cho slaodach 's a tha e," thuirt e.

"Agus glè thric, tha a' bhean agamsa ag ràdh nach eil e ag obair idir.

"Eadar a' Mhaol agus Corran Àrnasdail tha 15 mìle ann. Co mheud telebooth a dh'fheumadh iad?

"Chan eil fhios agamsa ciamar a dh'obraicheadh iad idir idir idir.

"Bhiodh fìor-dhragh ormsa, aig an aois aig a bheil mi - tha mise 85 - agus bhiodh fìor eagal orm agus seann daoine mar a tha mise. Chan eil fhios agamsa ciamar a dh'obraicheas an rud," thuirt e.