Duine an grèim mu losgadh Inbhir Narann

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Thinkstock
Fo-thiotal an deilbh,
Thathas a' tuigsinn gu bheil Mgr Seathach ann an staid sheasmhach san ospadal ann am Baile Dhùn Lèibhe.

Chaidh fireannach, 25, a chumail an grèim, an dèidh dha nochdadh sa chùirt co-cheangailte ri mar a chaidh duine gun dachaigh air a dhroch losgadh.

Nochd Jordan Jeans gu prìobhaideach aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis, fo chasaid gun tug e ionnsaigh a chùm goirteachadh agus duaichneachadh buan air an 10mh là den Ghearran.

Tha e cuideachd fo chasaid gun tug e ionnsaigh air an dàrna duine a chùm a dhroch ghoirteachadh an là roimhe.

Chaidh Seumas Seathach a dhroch ghoirteachadh mu a chasan ann an Inbhir Narann air an 10mh là den Ghearran.

Chaidh Mgr Seathach, 34, a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis an toiseach, mus deach a ghluasad gu aonad sònraichte an droch losgaidh aig Ospadal St John's ann am Baile Dhùn Lèibhe. Thathas a' tuigsinn gu bheil e ann an staid sheasmhach.

Tha Mgr Seathach gun chosnadh, agus bha e air gluasad a-steach gu seòmrar aig Ostal an Star sa bhaile, ged a biodh e fhathast a' cadal air sràidean a' bhaile uaireannan.

Cha do rinn Mgr Jeans tagradh sam bith, agus chaidh a chumail airson nochdadh a-rithist. Dhiùlt an Siorram Derek Mac Dhùn Lèibhe a shaoradh air urras.