Geòidh gan spadadh an Leòdhas is na Hearadh

Geòidh Ghlasa
Image caption Tha SNH den bheachd gun do dh'èirich àireamh nan gèadh còrr air 45% an Leòdhas is na Hearadh bho 2010.

Thòisich sgeama spadaidh ùr ann an Leòdhas is na Hearadh airson dèiligeadh ris na tha de gheòidh san sgìre.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a' dèanamh dheth gun deach àireamh nan gèadh an-àirde còrr is 45% ann an Leòdhas 's na Hearadh bho thòisichear gan cunntadh ann an 2010.

Tha an sgeama ag amas air lùghdachadh mòr a thoirt air na th' ann de na beathaichean sna h-Eileanan, ach a bhith a' glèidheadh àireimh sheasmhaich dhiubh.

Am-bliadhna, thathas ag amas air còrr is 2,000 dhiubh a mharbhadh.

Thòisich an spadadh Diluain 16mh an Gearran, a leanas gu 31mh am Màrt, le seal eile air fàire san Fhoghair.

"Tha mi an dòchas gun dèan e feum, airson tha àiteachan an seo air an gànnrachadh leotha," thuirt an Comh. Dòmhnall "Cuidig" MacLeòid, a tha na bhall de Chomataidh Croitearachd Chomhairle nan Eilean Siar.

"Gu h-àraid as t-Samhradh nuair a tha daoine a' feuchainn ri arbhachd a dhèanamh dha beathaichean agus stoc airson geamharachadh, agus tha na beathaichean sin a' dèanamh sgrios eagallach.

"Tha an t-salchair aca bidh e am measg an silage, agus tha sin an uair sin ga mhilleadh.

"Tha mi an dòchas gun tig na h-àireamhan aca sìos anns na làithean a tha a' tighinn," thuirt e.