Iasgairean a' cur an aghaidh beachd Chomhairle

Bàt-iasgaich
Image caption Tha an t-iasgach air a bhith a' cumail cosnaidh ri daoine air muir 's air tìr o chionn iomadh bliadhna.

Tha Comunn Iasgairean nan Eilean Siar a' cur an aghaidh beachd Comhairle na Gàidhealtachd nach eil Riaghaltas an h-Alba a' dol fada gu leòr le am planaichean airson sgìrean glèidhte mara.

Nam freagairt gu co-chomhairleachadh an Riaghaltais, dh'iarr a' Chomhairle - mar eisimpleir - riaghailtean nas treasa a chur air iasgach chreachan.

Thuirt iad gum bu chòir coimhead ris na buannachdan eaconamach a thigeadh an cois àrainneachd fhalain na mara a thaobh turasachd.

Ach tha Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, ag ràdh gu bheil na h-obraichean a tha an cois an iasgaich sin tòrr nas seasmhaiche na bhiodh an "turasachd mara" air a bheil Comhairle na Gàidhealtachd a-mach.

"Saoilidh mi gu bheil sin rudeigin mì-choltach ri linn, tha iad a-mach air dreidseadh agus tràladh, agus sin dà dhòigh iasgaich a th' air a bhith a' dol bho chionn còrr air 50 bliadhna," thuirt Mgr MacAonghais.

Treabhadh

"Agus nuair a sheallas sinn mar eisimpleir, air Steòrnabhagh a seo, factaraidh an luchd-giollachd, tha i air a bhith ann, a' toirt cosnaidh dha timcheall air 50 duine tarsainn air na bliadhnaichean sin far a bheil iomadach gnìomhachas eile air tighinn 's falbh.

"Agus tha an aon rud ann am Barraigh. Agus tha sinne a' faicinn nan dòighean iasgaich a tha iad a-mach air gu bheil iad maireannach, agus na nithean a tha iad a' feuchainn ri dhìon leis na sgìrean MPA a tha seo, tha iad ann agus na dòighean iasgaich a tha sin air a bhith ann.

"Agus tha sinn an dòchas gun cum iad a' dol ann.

"Turasachd, chan eil an sin ach obraichean a th' ann airson mìosan beaga den bhliadhna.

"Tha an t-iasgach, airson tràladh agus creachain, air a bhith a' dol fad na bliadhna, a' toirt cosnaidh air muir 's air tìr, agus saoilidh mi, Roinn na Gàidhealtachd, gum bu chòir dhaibh a bhith a' coimhead air na h-iasgairean a th' ann an Roinn na Gàidhealtachd, agus taic a thoirt dhaibh airson barrachd bhàtaichean fhaighinn - an aon rud 's a tha Comhairle nan Eilean a' toirt seachad.

"Nuair a choimheadas sinn air a' bhliadhna a chaidh seachad, chaidh barrachd chreachan a chur air tìr le dreidsearan air taobh an iar na h-Alba na chaidh gin a bhliadhna ron a sin.

"Agus tha tòrr a bharrachd luach ann.

"Tha sin a' ciallachadh, tha e a' dùsgadh an-àirde a' ghrunnd, a' tarraing iasg a-steach ann.

"Agus an aon eisimpleir a th' againn far an robh iasgach chreachan air a chasg bho chionn còrr air 25 bliadhna, anns an Loch a Tuath, aon uair 's a sguir iad a' dèanamh sin, 's e fàsach a th' ann a-nis.

"Tachraidh an aon rud air tìr. Nuair a tha thu a' treabhadh na talmhainn, 's mura cum thu a' dol a' dèanamh rud leis, cha bhi càil a' tighinn an-àirde ach luachair às dèidh còrr air fichead bliadhna.

"Tha grunnd na mara an aon rud.

"Ma 's e sin a tha daoine ag iarraidh, gur e fàsach a bhios ann agus nach bi duine a' toirt buannachd às, 's e sin a thachras," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo