Pròiseact gaoithe Uibhist a Tuath a' leantainn

Crann-gaoithe
Image caption Tha dragh aig an Riaghaltas gun toireadh crainn-ghaoithe buaidh air radar an MoD ann an Uibhist.

Cumaidh Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath orra le am planaichean airson cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh, a dh'aindeoin 's mar a dhiùlt Riaghaltas na h-Alba cead dhaibh dà chrann-gaoithe a thogail.

Bha Comhairle nan Eilean Siar air cead a thoirt seachad, ach chaidh an Riaghaltas na aghaidh air sgàth dragh mun bhuaidh a bheireadh na crainn air radar an MoD.

Tha a' bhuidheann an dùil gun caill Uibhist a Tuath £6m thairis air 20 bliadhna air sgàth sin.

Chum iad a' choinneamh bhliadhnail aca oidhche Mhàirt.

"Tha gabhaltachd ghriod fhathast aig Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath, agus tha dùil againn cur feum air sin fhathast,"thuirt fear de na stiùirichean Philip Harding.

"Choinnich sinn mar thà ri Alasdair MacLeòid agus Iain MacÌomhair aig Roinn an Leasachaidh aig a' Chomhairle, agus tha sinn a' cur air dòigh luchd-stiùiridh airson dèanamh a-mach dè ghabhas dèanamh.

"Ged a dhiùlt iad an t-iarrtas againn, tha dùil againn a dhol air adhart fhathast le sin, dòigh air choireigin, 's tha sinn a cur air dòigh suirbheidh air cumhachd uaine feuch dè ghabhas dèanamh," thuirt e.