Soitheach air na creagan an Àird nam Murchan
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gum bi soitheach mòr bathair a chaidh air na creagan faisg air Cille Chòmhghain ann an Àird nam Murchan, air na creagan deagh ghreis.
Chaidh an Lysblink Seaways, a tha 120 meatair de dh'fhaid, ann an trioblaid mu 02:00m Diciadain.
Thathas a' tuigsinn gun robh i a' giùlain pàipeir, agus chan eil dùil gu bheil cunnart ann dhan t-soitheach san aithghearrachd.
Cha deach duine a ghoirteachadh nuair a chaidh i air na creagan.
Cha deach i air ais air bhog aig muir-làn, agus tha dùil gun tèid bàtaichean-slaodaidh a chleachdadh gus a saoradh.
Tha bàta-teasairginn Thobar Mhoire aig an làraich a' cumail faire.
Bha an Lysblink Seaways air a slighe o Bhéal Feirste gu ruige Skogn ann an Nirribhidh.
Tha an naoinear chiutha fhathast air bòrd, 's iad a' feitheamh air na bàtaichean-slaodaidh.
Chan eil aithrisean sam bith ann gun deach truailleadh sam bith a dhèanamh.
Dh'iarr Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) air a' bhàta-slaodaidh Heracles dèanamh air an sgìre às Arcaibh, fhad 's a tha an fheadhainn leis a bheil an soitheach air companaidh sàbhalaidh agus bàta-slaodaidh coimearsalta fhastadh.