"Dearbhadh eile" air feum air bàta-slaodaidh

  • Air fhoillseachadh
An Lysblink Seaways air na creaganTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Bha an Lysblink Seaways a' giùlain luchd pàipeir eadar Béal Feirste agus Nirribhidh nuair a bhuail i ann an cladach Chille Chòmhghain.

'S ann madainn Diardaoin a ràinig bàta-slaodaidh prìobhaideach à Abhainn Chluaidh Àird nam Murchan, airson feuchainn ris an t-soitheach a chaidh air na creagan an sin oidhche Mhàirt a ghluasad.

Tha e na dhearbhadh aon uair eile, a rèir Chomhairle nan Eilean Siar, gum bu chòir bàta-slaodaidh a bhith stèidhichte anns a' Chuan Sgìth.

Togaidh iad an cuspair nuair a choinnicheas riochdairean bhon ughdarras ionadail ri Rùnaire na Alba, Alasdair MacIllemhìcheil, an ath-sheachdain.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad a' sàbhaladh £2.5m sa bhliadhna leis nach eil ach aon bhàta-slaodaidh ann an Alba.

Sgudal Niuclasach

Thill bàta-slaodaidh nam Maor-Cladaich, an Herakles, a dh'Arcaibh madainn Diardaoin.

A rèir Fhir-Ghairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, cha bhi daoine san iar-thuath riaraichte gus am bi dà bhàta-slaodaidh anns an sgìre a-rithist.

"Tha mi a' smaoineachadh, ge b' e dè dh'adhbharaich seo, gu bheil e a' sealltainn cho deatamach 's a tha e gum bi bàta-slaodaidh air a stèidheachadh anns a' Chuan Sgìth a-mach gu 'n iar," thuirt e.

"Tha sinne air a bhith a' strì airson sin airson grunn bhliadhnaichean a-nis bho thug iad air falbh e sa chiad àite, agus tha an iomairt a tha sin a' leantainn," thuirt e.

Bha an soitheach, an Lysblink Seaways, air a slighe o Bhéal Feirste gu Nirribhidh, le luchd pàipeir air bòrd.

"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn bho chionn beagan mhìosan mu dheidhinn gu bheil sgudal niuclasach gu bhith air a ghluasad bho Dhùnrath sìos gu Sellafield," thuirt e.

"'S ann an dàrna cuid an iar air na h-Innse Gall, no sìos eadar Innse Gall agus Tìr Mòr a bhios na bàtaichean sin a' siubhail.

"A-rithist, nam biodh tubaist ann, agus chan eil duine airson gum faic iad suidheachad far a bheil tubaist ann le bàta den t-seòrsa sin, dh'fhaodadh e a bhith draghail dha-rìribh dha muinntir nan Eilean, agus cuideachd daoine a th' air costa an iar na h-Alba.

"Tha mi a' smaoineachadh a-rithist, gum biodh e na chofhurtachd nam biodh bàta-slaodaidh ann faisg air làimh, air sgàth 's nam biodh èiginn sam bith ann le bàta, gun deadh ròp a chur riutha agus nach biodh iad a' dol air a' chladach mar a thachair an turas seo.

"Chan eil duine airson tubaist fhaicinn, agus bhiodh cosgais tòrr a bharrachd air £2.5m ann nam biodh tubaist dhona ann far an robh truailleadh ga dhèanamh air an àrainneachd, agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin a tha sinn ag iarraidh air an Riaghaltas a bhith mothachail air," thuirt e.