Cobhair ga dhèanamh air bàt'-iasgaich

  • Air fhoillseachadh

Chaidh bàt'-iasgaich a tha clàraichte ann an Steòrnabhagh a shlaodadh gu tìr an dèidh mar a thòisich i a' gabhail uisge.

Chuir criutha na Prevail gairm a-mach mu 03:00m Diardaoin, mu 31 mìle an ear air Montròis.

Chuireadh heileacoptair bho RAF Inbhir Lòsaidh a-mach thuice an toiseach.

Shlaod bàta-teasairginn Mhontròis gu cala i.

Bha an criutha de cheathrar air a bhith a' pumpadh uisge a-mach àiste.